Naidheachdan > 2010

3 Òg Mhios

Duaisean Na Trads a’ faighinn taic dà bhliadhna bho MG ALBA

Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) air fhoillseachadh gu bheil iad gu bhith a’ toirt goistidheachd do na Duaisean “Na Trads” airson 2010 agus 2011. Chaidh an naidheachd fhoillseachadh le Alasdair Moireasdan, Cathraiche MG ALBA aig co-labhairt Òran Sang aig Sabhal Mòr Ostaig an diugh (Diardaoin 3 Òg Mhios).

Thèid Duaisean Na Trads 2010 air adhart ann am Peairt air Disathairne 4 Dùbhlachd, agus bidh BBC ALBA a’ clàradh aon phrògram, le prògram a bharrachd gu bhith air a dhèanamh le cuid den fheadhainn a bhuannaicheas. Tha MG ALBA a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC .

Chuir Simon Thoumire, Stiùiriche Hands Up for Trad, a bhios a’ riochdachadh Na Trads, fàilte air an naidheachd ag ràdh, “Tha goistidheachd MG ALBA, a tha air a bhith ann bho 2008, air a bhith air leth feumail airson ìre nan duaisean àrdachadh agus airson ceòl traidiseanta ann an Alba a bhrosnachadh. Tha na prògraman air BBC ALBA cuideachd air an ceòl a thoirt do luchd-amhairc farsaing agus tha mi uabhasach toilichte gu bheil seo gu bhith a’ leantainn airson dà bhliadhna eile.”

A’ bruidhinn aig a’ cho-labhairt thuirt Alasdair Moireasdan, “Tha toileachas mòr air MG ALBA goistidheachd a thoirt do Na Trads, a tha ag aithneachadh an fheadhainn as fheàrr ann an ceòl traidiseanta agus ceòl is òrain Ghàidhlig. Bhon thàinig BBC ALBA air an adhair anns an t-Sultain 2008 tha sinn air cliù a chosnadh airson nam prògraman a tha a’ taisbeanadh ceòl traidiseanta agus ceòl is òrain Ghàidhlig agus tha luchd-amhairc BBC ALBA gu math dèidheil air na prògraman.”

Chuir Art MacCarmaig, Àrd Oifigeir Fèisean nan Gàidheal, fàilte air an taic bho MG ALBA. Thuirt e, “Tha Duaisean Na Trads mar taisbeanadh mìorbhaileach airson cèol traidiseanta ann an Alba - gu h-àraidh a-nis le taic bho MG ALBA agus gu bheil BBC ALBA a’ craoladh phrògraman bho na duaisean. Tha Fèisean nan Gàidheal air duais a bhuannachadh roimhe agus mar bhuidhinn tha sinn toilichte taic a chur ris Na Trads agus tha sinn toilichte gu bheil goistidheachd MG ALBA a’ leantainn agus gu bheil BBC ALBA gu bhith a’ toirt thugainn nam prògraman.”