AIR AIS
TASGLANN NAIDHEACHDAN
2010
BBC ALBA air Freeview
Bill Paterson agus an Gruffalo
Bhòt air 'Bliadhna nan Òran'
Nollaig Chridheil bho BBC ALBA
David Hayman - Trial & Retribution
Taisbeanadh de film ùr ‘An Seòladh’
Clàr-phrògraman an Fhoghair
Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010
FilmG 3 fosgailte airson filmichean
iTRAD
Peppa DVD
Blas 2010
Sreath ùr BREAB
Am Prìomh Mhinistear a' foillseachadh taic-airgid do FilmG
Campaichean na h-Eaglais Saoire
Aithisg Ofcom
Piping Live! air BBC ALBA
Air Turas le BBC ALBA
Taic bho Comhairle Luchd-amhairc a' BhBC
Camanachd beò air BBC ALBA
Tàlant ùr air BBC ALBA
Magners League Rugby air BBC ALBA
Làrach-lìn ùr - Bliadhna nan Òran
MG ALBA Scots Trad Music Awards 2010
Làmh an Uachdar aig FilmG
Cupa Dùbhlan ALBA 2010
Shetland Folk Festival
Tormod: A Life
Fèis nam Meadhanan Cheilteach
Cùmhnant Craolaidh Ùr airson an SPL
Sgrùdaidh air BBC ALBA
Fèis Cheòl Dùthchail Ghallaibh
Làrach-lìn ùr Gàidhlig
Fèis Film Ghlaschu
Duaisean FilmG
Fergie Beag Glas
Joe Thomas aig duaisean FilmG
Geàrr-liosta Duaisean Fèis nam Meadhanan Cheilteach
2009
2008
28mh Dàmhair 2010
TRIAL & RETRIBUTION AIR AN EILEAN SGITHEANACH
Thug cleasaiche cliùiteach taic do bhùth-obrach ‘Beul a’ Chamara’ a chaidh a ruith eadar FilmG agus an RSAMD aig Sabhal Mòr Ostaig bho chionn goirid.

Fhuair dà dhuine deug an cothrom sgilean cleasachd ionnsachadh ann an cuideachd an sàr chleasaiche David Hayman, a thàinig gu aire a’ mhòr-shluaigh leis a’ charactar DCI Walker bhon t-sreath TBh ‘Trial & Retribution’.
Bha an cothrom aig na h-oileanaich sgilean preseantaidh a thoghail cuideachd, cuide ri an tè-ealanta Mòrag Stiùbhart, riochdaire na companaidh neo-eisimeilich ‘Sealladh’, a tha stèidhichte aig a’ Cholaiste.
Chuir Sabhal Mòr Ostaig fàilte air sàr chleasaiche air an deireadh seachdain seo chaidh aig bùth-obrach Beul a’ Chamara a chaidh a ruith le FilmG agus an RSAMD. Fhuair dà dhuine dheug an cothrom sgilean cleasachd a thogail ann an cuideachd David Hayman, a thainig gu aire a’ mhòr-shluaigh leis a’ charactar DCI Walker bhon t-sreath TBh ‘Trial & Retribution'. Cuideachd, bha an cothrom aca sgilean preseantaidh a thogail cuide ri Mòrag Stiùbhart, riochdaire na companaidh neo-eisimeilich ”Sealladh” a tha stèidhichte aig a’ Cholaiste fhèin.
’S e co-fharpais nam filmichean goirid aig MG ALBA a th’ ann am FilmG, air a stiùireadh le Cànan, le na filmichean agus tuilleadh fiosrachaidh rim faighinn aig www.filmg.co.uk.

’S e miann na farpaise tàlant chruthachail ùr a lorg anns na meadhanan Gàidhlig. Mar phàirt den cho-fharpais, tha sgioba FilmG air a bhith a’ ruith bùithtean-obrach air gach taobh de dh’ fhilmeadaireachd. Bhon a thòisich na bùithtean-obrach san Iuchair, tha 78 daoine air pàirt a ghabhail annta, ann an iomadach àite air feadh Alba, agus ann an sgilean bho leasachadh sgeulachd, stiùireadh agus preseantadh gu obair camara, fuaim agus gearradh.
Tha FilmG fosgailte gu duine sam bith nas sine na 12, cho fad ‘s nach eil creideas craolaidh stiùiriche neo riochdaire aca mar-thà. ‘S e ‘Làmh an Uachdar’ cuspair na bliadhna seo agus a’ cho-fharpais a’ dùnadh air an 19mh den t-Samhain 2010.
Ged a tha na bùithtean-obrach a-nis deiseil, tha cuideachadh agus stiùireadh fhathast rim faighinn air làrach-lìn FilmG aig www.filmg.co.uk, agus ma bhios duine sam bith airson tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn faodaidh iad post-d a chur gu fios@filmg.co.uk no fòn a chur gu Helen air 01471 888 513.