Naidheachdan > 2010

8 Sultain 2011

BBC ALBA A’ FOILLSEACHADH CLÀR AN FHOGHAIR

Dh’fhoillsich BBC ALBA clàr ùr de phrògraman an Fhoghair an-diugh (Diardaoin 8 Sultain) aig Eden Court ann an Inbhir Nis.

Trì bliadhna bhon thòisich an seanail, tha BBC ALBA a’ tabhainn farsaingeachd de phrògraman aig àrd ire gu luchd-amhairc air feadh Alba eadar prògraman aithris, naidheachd agus cùisean làitheil, cur-seachad, creideamh, prògraman chloinne, ceòl agus spòrs.

Autumn Launch 2011

Am measg na bha an làthair bha riochdairean bho co-bhanntachd an t-seanail, riochdairean phrògraman agus cuid de na daoine a chithear air BBC ALBA as t-Foghar leithid feadhainn a bha an-sàs san t-sreath ùr Midwives: Mnathan-glùine, sreath a chaidh fhilmeadh aig Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis, agus beathaichean co-cheangailte ris an t-sreath ùr a bhios a’ leantainn lighichean-sprèidh tron Ghàidhealtachd, na h-Eileanan agus air feadh Alba.

Tha BBC ALBA air leth moiteil a bhith a’ cur ri leasachadh craoladh ann an Alba agus a bhith a’ cur taic ris na roinnean cruthachail is na meadhanan. Tha a' cho-bhanntachd ag obair còmhla ri 16 companaidhean riochdachaidh neo-eisimeileach a thuilleadh air na craoladairean STV agus am BBC. Nas tràithe air a’ bhliadhna chaidh clach-mhìle sònraichte a ruighinn nuair a chaidh, le aonta Urras a’ BhBC, an seanail air Freeview, a thug cothrom dhan a h-uile dachaigh ann an Alba prògraman BBC ALBA fhaicinn.

Seo cuid de na prògraman bho chlàr an fhoghair aig BBC ALBA:

  • Midwives/Mnathan-glùine - sreath aithriseach claraichte thairis air naoi mìosan, a’ leantainn cuid den luchd-obrach agus pàrantan aig a bheil dùil ri pàiste ann an Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

    Midwives

  • Vets/Gach Creutair Beò - turas eadar na h-Eileanan an Iar, Obair Dheathain, Inbhir Ùige agus Pàircean Safari a’ leantainn nan lighichean-sprèidh nan obair am measg nam beathaichean.

    Vets

  • Turas Tony - tha an cleasaiche Tony Kearney a’ fàgail cofhurtachd stiùideo telebhisein gus a dhol an sàs ann an ceithir obraichean ùra. Anns a’ chiad phrògram chì sinn Tony os cionn taigh-òsta air Eilean Thiriodh. An tèid aig Tony air rian a chumail air an luchd-obrach, air na Tiristich agus an luchd-turais agus e ag obair anns gach dreuchd bho bhith a’ dòrtadh pinntean gu bhith a’ glanadh nan taighean-beaga?

    Turas Tony

  • Prògraman chloinne - Ann an Breab tha sianar dheugairean bho air feagh Alba a' tighinn còmhla air son cola-deug le diofar dhùbhlain romhpa; sreath eile de Dè a-nis agus Sgeulaiche, sreath ùr dealbhan-beò le sgeulachdan air an sgrìobhadh le cloinn airson cloinn.

    Sgeulaiche

  • Ceòl - tha fèisean ciùil beò agus tachartasan bho air feadh Alba aig cridhe clàr BBC ALBA le taghadh de cheòl thraidiseanta, Ceilteach, dùthchail agus ceòl indie; am measg nam prògraman ùra tha Blas 2011, Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2011, Ceòl Country agus Piping Live.

    Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2011

  • Spòrs - aon gheama SPL gach Disathairne ; taghadh de gheamanan rugbaidh aig sgiobaidhean Ghlaschu agus Dhùn Èidinn ann an farpais RaboDirect PRO12; an geama bliadhnail eadar-nàiseanta camanachd/hurlaidh eadar Èirinn agus Alba, agus taghadh bho Gheamannan Eileanan na Cruinne 2011.


    Rugby

Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Seirbheis airson BBC ALBA: ”Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ foillseachadh ar clàr Foghar le prògraman ura, eadar-dhealaichte leithid aithris, cur-seachad, spòrs agus prògraman ciùil. Tha sinn air luchd-amhairc a tharraing gu BBC ALBA le clàr de phrògraman taitneach agus drùiteach bho chuid de na companaidhean neo-eisimeileach agus companaidhean craolaidh as fheàrr san dùthaich.”

Thuirt Alasdair Moireasdan, Cathraiche MG ALBA: “Bha e na shàr choileanadh dhan t-seanail am bliadhna a bhith a’ faighinn cothrom ruigsinneachd mòran nas fharsaing air feadh na h-Alba, agus tha sinn air a bhith air leth moiteil leis mar a chòrd na prògraman sònraichte a rinn sinn an seo agus ar stuth Albannach ri daoine air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri sèasan an fhoghair agus an seanail a bhith a’ dol bho neart gu neart, a’ tabhann sàr phrògraman don luchd-amhairc a tha air a bhith a’ coimhead BBC ALBA bho thoiseach tòiseachaidh agus cuideachd iadsan a tha air a bhith ga amharc on chaidh a chur air bhog air Freeview.”

Se co-bhanntachd a th'ann am BBC ALBA, eadar am BBC agus MG ALBA, Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, co-bhanntachd craolaidh sònraichte a tha a’ tabhann seirbheis poblach shoirbheachail.