15 Dàmhair 2008
MÌOS SOIRBHEACHAIL DE CHRAOLADH AIR BBC ALBA
Tha BBC ALBA, an sianal telebhisean Gàidhlig ùr, air foillseachadh an-diugh (Diciadain) gu bheil e air taic “air leth brosnachail” fhaighinn bho dhaoine air feadh Alba sa chiad mhìos de chraoladh.
Tha BBC ALBA ga stiùireadh le co-bhanntachd eadar MG ALBA agus am BBC airson libhrigeadh phrògraman tarraingeach aig àrd ìre agus air an dèanamh ann an Alba. Am measg prògraman BBC ALBA chithear:
Thuirt Ministear a’ Chultair, Linda Fabiani BPA: “Tha mi toilichte faicinn dè cho mòr ’s a tha an deagh mheasgachadh de phrògraman air BBC ALBA air còrdadh ris an luchd-amhairc sa chiad mhìos a tha an sianal air a bhith a' craoladh.
“Fhad ’s a tha sinn a’ coimhead air molaidhean aithisg Coimisean Craoladh na h-Alba, tha e math a bhith a’ faicinn gu bheil BBC ALBA air tòiseachadh le prògraman cho math ’s cho sònraichte. Tha e a' sealltainn dhuinn dè ghabhas a dhèanamh le sianal telebhisean Albannach. “Tha mi a’ coimhead le fiughair ri naidheachdan mu shoirbhicheas leantainneach an t-sianail agus tha mi a’ toirt taic do dh’iomairtean airson àite a ghleidheadh airson BBC ALBA air Freeview.”
Thuirt Alasdair Moireasdan, Cathraiche MG ALBA: “Tha mi air leth toilichte gu bheil a’ chiad mhìos de chraoladh air a bhith cho soirbheachail agus gu bheil beachdan mun t-sianal air a bhith air leth brosnachail. Tha e follaiseach gu bheil iarrtas ann airson na seirbheis seo chan ann bhon choimhearsnachd Ghàidhlig a-mhàin ach air feadh na h-Alba.
“Is e an fheallsanachd againn gum feum sinn sàr roghainn de phrògraman air an dèanamh san dùthaich seo a thoirt dhan luchd-amhairc, a’ gabhail a-steach eadar spòrs, naidheachdan is cùisean làitheil, a bhios tarraingeach do luchd na Gàidhlig agus do mhuinntir na h-Alba air fad.
“A bharrachd air a bhith a’ libhrigeadh seirbheis air leth, bidh sinn ag obair airson àite a ghleidheadh airson BBC ALBA air Freeview gus am faigh barrachd daoine cothrom fhaicinn.”
Tha pasgan spòrs an t-sianail am measg nam prìomh shreathan de phrògraman. Tha prògraman spòrs gan dèanamh ann an com-pàirt le MNE MEDIA, maoinichte le MG ALBA sa cho-bhanntachd leis a’ BhBC.
Thuirt Lex Gold, Cathraiche Gnìomha an SPL: “Tha sinn glè thoilichte a bhith ann an co-bhanntachd le BBC ALBA. Is e seirbheis luachmhor airson ar luchd-leantainn air feadh na dùthcha gu bheil geama slàn ga chraoladh “mar beò” gach oidhche Shathairne air BBC ALBA. Bidh sinn ag obair gu dìcheallach leis a h-uile duine a tha an sàs anns a’ phròiseact seo gus dèanamh cinnteach gun lean craolaidhean SPL gach deireadh seachdain.”
Leis a’ chraoladh bheò den gheama ALBA Challenge Cup eadar Partick Thistle agus Airdrie United aig deireadh na seachdain seo chaidh, thàinig ball-coise SFL sa chiad, darna agus treas lìg dhan sgrìn bhig – a’ chiad turas a chaidh geama mar seo a chraoladh beò ann an 12 bliadhna. Thèid a’ chuairt dheireannach a chraoladh beò air BBC ALBA Didòmhnaich 16 Samhain.
Thuirt Gordon McKie, Àrd Oifigear Rugbaidh na h-Alba: “Tha sinn gar brosnachadh gu mòr le cho dealasach ’s a tha BBC ALBA gu bhith ag obair còmhla rinn airson an geama againn a thaisbeanadh. Tha mi an dòchas gum faigh sinn air barrachd fiosrachaidh fhoillseachadh a dh’aithghearr mun dàimh eadar sinne agus BBC ALBA agus mun adhartas a bhios na lùib airson rugbaidh aig gach ìre.”
Tha a’ chiad mhìos de BBC ALBA air sealltainn gur e àm inntinneach is dòchasach a th’ ann airson craoladh Gàidhlig. Thathas an dùil gum faigh an sianal buannachd à iomairt MG ALBA airson tàlant ùr a lorg – tha duaisean luach £35,000 rim faighinn san fharpais FilmG airson filmichean goirid, a bharrachd air cothrom airson na filmichean as fheàrr a leasachadh mar phrògraman-deuchainn airson craoladh air an t-sianal ùr.
Tha tòrr den luchd-dèanamh film agus sgrìobhadairean sgrìn as soirbheachail ann an Alba a’ toirt taic do FilmG – nam measg Don Coutts, Robbie Fraser agus Ian Finlay MacLeod. Tha an fharpais a’ dùnadh air 1 Dùbhlachd. Gheibhear barrachd fiosrachadh aig www.filmg.co.uk
Crìoch
Airson barrachd fiosrachadh, cuir fios gu Ramsay Smith neo Lorna Inglis aig Media House air 0141 220 6040 / 07788 414 856 no cuir post-d gu: ramsay@mediahouse.co.uk / lorna@mediahouse.co.uk
Fios gu luchd-deasachaidh:
Tha MG ALBA, ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, air BBC ALBA a chur air bhonn. Tha an sianal ri fhaighinn air Sky 168 agus air Freesat 110. Thathas an dùil gum bi BBC ALBA ri fhaighinn air càball an ceann ùine. A rèir toraidhean leirmheas Urras a’ BhBC, bidh BBC ALBA ri fhaighinn air Freeview as dèidh tionndadh gu didseatach ann an 2010. Gheibhear barrachd fios mu BBC ALBA air www.bbcalba.co.uk
Tha MG ALBA agus am BBC air co-bhanntachd a stèidheachadh airson seirbheisean didseatach telebhisein, rèidio agus air-loidhne a lìbhrigeadh. Tha BBC ALBA ga chraoladh fo chead-craolaidh BBC. Airson barrachd fios mun cho-bhanntachd faic www.mgalba.com.
Is e MG ALBA ainm gnìomha Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, a tha ga maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus ga riaghladh le Ofcom. Tha MG ALBA a’ seasamh airson Meadhanan Gàidhlig Alba.