Naidheachdan > Fios Naidheachd as Ùire

31 Dàmhair 2008

MODARÀTOR A’ TOIRT AIRE AIR POILEASAIDH MEUD SLUAIGH NA SÌNE
CUIDE RI CATHY

A’ bruidhinn ri Cathy NicDhomhnaill air a’ phrògram as ùire san t-sreath Cuide ri Cathy airson BBC ALBA, tha am Fìor Urramach David Lunan a’ freagairt cheistean mun “chuspair” aige mar mhodaràtor agus mun fheallsanachd aige a thaobh airgead agus na tha an dàn dhan phlanaid.

Sa phrògram an t-seachdain seo, tha Cathy a’ toirt seachad latha còmhla ris an Fhìor Urramach David Lunan, Modaràtor Àrd-sheanadh Eaglais na h-Alba agus tosgaire eadar-nàiseanta na h-eaglais. Chaidh David Lunan òrdachadh ann an 1970 agus tha e air obair a dhèanamh ann an iomadh paraiste bhon uairsin.

Ann an agallamh farsaing le Cathy, dh’fhoillsich am modaràtor gu bheil e mothachail air na dh’fhaodadh a bhith an dàn dhan phlanaid san àm ri teachd. Tha e ag ràdh: “Tha sinn a’ cunntais sìos, chan ann gu latha lèirsgrios ach is e adhbhar dragh a th’ ann dhomh nam biodh blàthachadh dà phuing ann thairis air an leth-cheud bliadhna a tha romhainn nach gabhadh sin a thionndadh air ais, agus tha mi a’ smaoineachadh gum feum sinn rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn.”

Tha e a’ leantainn air le bhith ag ràdh: “Tha e inntinneach gur e Sìne an dùthaich a tha a’ dèanamh barrachd airson na planaid na dùthchannan eile. Bidh daoine a’ bruidhinn mun cheò is truailleachd à Sìne, ach tha iad air smachd a chur air meud an sluaigh ann an dòigh nach do rinn, agus nach dèan, dùthaich sam bith eile, agus bidh buaidh aig sin air cosg stòrasan na cruinne.”

Cuideachd anns a’ phrògram, tha David Lunan ag innse carson a cho-dhùin e gun a bhith a’ cur air an trusgan deas-ghnàth agus a’ dearbhadh gur e an rud as motha a bhios e ag ionndrainn nuair a dh’fhàgas e oifis a’ mhodaràtoir – obair a tha air sìor chòrdadh ris, a rèir a mhnaoi – nach bidh cuideigin ann airson an taigh aige a ghlanadh.

Bidh David Lunan a’ leantainn leis an obair aige san Eaglais, agus bidh e a’ faighinn tiotal ùr, an Ro-urramach David Lunan – fear a tha, a rèir Cathy NicDhòhnaill, an dà chuid umhail agus càirdeil.

Thèid CUIDE RI CATHY a chraoladh air BBC ALBA Diluain 3mh Samhain aig 22.00, air Sky 168 agus Freesat 110.

Airson barrachd fiosrachaidh, cuir fios gu Lorna Inglis aig Media House air 0141 220 6040 lorna@mediahouse.co.uk

Fios do luchd-deasachaidh:
Tha “Cuide ri Cathy” ga riochdachadh airson BBC ALBA le MNE Media, tè de na prìomh chompanaidhean riochdachaidh neo-eisimeileach ann an Alba. (Airson barrachd fiosrachaidh faic www.mnemedia.tv)

Dh’fhoillsich BBC ALBA fiosrachadh luchd-amhairc an-diugh airson a’ chiad turais a-riamh. ’S urrainnear na toraidhean a leughadh aig www.bbc.co.uk/pressoffice

’S e seirbheis ùr dhidseatach Ghàidhlig a tha ann am BBC ALBA a chuireadh air bhog 19 an t-Sultain agus a tha na co-bhann eadar MG ALBA agus am BBC.

Gheibhear e air sianal 168 Sky agus air Freesat sianal 110. Thathas an dùil gum bi BBC ALBA ri fhaighinn air càball ann an ceann ùine. An urra ri sgrùdadh le Urras a’ BhBC, bidh BBC ALBA ri fhaighinn air Freeview nuair a thèid atharrachadh gu seirbheis didseatach ann an 2010. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu ruigsinneachd BBC ALBA rachaibh gu ar làrach-lìn: www.bbcalba.co.uk.

Tha MG ALBA agus am BBC air co-bhann a stèidheachadh airson seirbheisean telebhisein didseatach, rèidio agus air-loidhne a lìbhrigeadh sa Ghàidhlig. Bithear a’ craoladh seirbheis BBC ALBA fo chead BBC. Gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu obair a’ chom-pàirteachais rachaibh gu www.mgalba.com.

‘S e MG ALBA ainm obrach Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, a tha maoinichte le Riaghaltas na h-Alba agus fo riaghladh Ofcom. Tha an t-ainm MG ALBA a’ seasamh airson Meadhanan Gàidhlig Alba.