BBC ALBA a’ tòiseachadh 19 Sultain
Tha MG ALBA agus am BBC air ainm agus latha tòiseachaidh na seirbheis didseataich Gàidhlig fhoillseachadh.
Bidh an t-seirbheis ùr, BBC ALBA, a’ tòiseachadh Dihaoine 19 Sultain 2008 aig 9f.
Chuir Alasdair Moireasdan, Cathraiche Bòrd MG ALBA, agus Coinneach MacGuaire, Àrd-stiùiriche a’ BBC ann an Alba, fàilte air an naidheachd.
Thuirt Mgr Moireasdan, “Se clach mìle mhiorbhuileach airson craoladh a tha seo, gu bheil BBC ALBA a’ tighinn beò. Is e an rud as cudromaiche airson MG ALBA gu bheil deagh sheirbheisean telebhisein, rèidio agus air-loidhne rim faighinn airson luchd-amhairc is luchd-èisteachd, agus tha mi air leth toilichte gu bheil sinn a-nis a’ cur seirbheis ùr air dòigh tron cho-bhanntachd eachdraidheil eadar MG ALBA agus am BBC.”
Thuirt Coinneach MacGuaire, “Is e àm air leth a th’ ann airson craoladair sam bith ma tha sianal ùr a’ tòiseachadh, agus tha mi uabhasach toilichte gum bi an t-seirbheis seo ga cur air bhog an seo ann an Alba mar thoradh air a’ cho-bhanntachd eadar am BBC agus MG ALBA. Le foillseachadh BBC ALBA an ath mhìos tha sinn a’ faicinn ceann-amais na coimhearsnachd Gàidhlig a’ tighinn gu bith as dèidh ùine fhada agus oidhirp mhòr leis an fheadhainn a tha air a bhith ag obair gu dìcheallach air a’ phròiseact. Bidh BBC ALBA a’ tairgsinn seirbheis ùr, leasaichte gu luchd-amhairc le Gàidhlig agus bidh e cuideachd a’ tàladh luchd-amhairc nas farsainge air feadh Alba le roghainn de phrògraman inntinneach is tarraingeach.”
A’ bruidhinn mun t-seirbheis ùir, thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd Oifigear MG ALBA, “Tha latha tòiseachaidh BBC ALBA a’ teannadh oirnn ’s cha bhi e fada a-nis mus faigh luchd-amhairc ann an Alba cothrom prògraman ùra sa Ghàidhlig fhaicinn a h-uile latha. Air a chiad oidhche, chì sinn drama ùr le Greg Hemphill mar Elbhis agus cuirm-ciùil beò bhon Eilean Sgitheanach leis an luchd-ciùil as fheàrr ann an Alba, agus thairis air na mìosan a tha romhainn bidh sinn a’ craoladh roghainn farsaing de spòrs, naidheachdan agus prògraman cloinne, aithris is cur-seachad a chòrdas ri sean is òg.”
Crìoch
Airson barrachd fiosrachaidh cuiribh fòn gu Alison Lang (MG ALBA) air 01851 705550 neo 0770 109 9952, neo gu Roy Templeton (BBC) air 0141 422 6315.
Fios airson luchd-deasachaidh:
Tha MG ALBA agus am BBC air co-bhanntachd a stèidheachadh airson seirbheisean didseatach Gàidhlig a libhrigeadh air telebhisean, rèidio agus air-loidhne. Thèid an t-seirbheis BBC ALBA a chraoladh fo chead-craolaidh a’ BhBC. Airson barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn mar a tha a’ cho-bhanntachd ag obair, faicibh an làrach-lìn againn.
Bidh BBC ALBA ri fhaighinn air saideil agus cabal air feadh na Rìoghachd Aonaichte, le prògraman cuideachd rim faotainn air loidhne. A rèir measadh le Urras a’ BhBC, bidh BBC ALBA ri fhaighinn air Freeview, ann an Alba a-mhàin, as dèidh tionndadh gu didseatach ann an 2010.
Is e MG ALBA ainm gnìomha Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig. Tha MG ALBA a’ seasamh airson Meadhanan Gàidhlig Alba.
www.mgalba.com
www.bbc.co.uk/alba
13 Lùnastal 2008