MG ALBA a’ cuir fàilte air Linda Fabiani
Chuir MG ALBA fàilte air Linda Fabiani, Ministear airson na Roinn Eòrpa, Chùisean Cèin agus Cultair, nuair a thàinig i gu Steòrnabhagh an-diugh, Dihaoine 04 Iuchar 2008.
Choinnich am Ministear ri luchd-obrach MG ALBA agus a’ BhBC, an dà bhuidhinn a tha ag obair ann an co-bhanntachd airson an t-Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig a chruthachadh, airson faighinn a-mach mu adhartas gu latha tòiseachaidh na seirbheis as t-fhoghar. Thadhail i cuideachd air stìùideothan Mactv, tè de na companaidhean riochdachaidh neo-eisimeileach a tha a’ dèanamh phrògraman airson na seirbheis.
Is e Alan Esslemont, Ceann Phrògraman aig MG ALBA, a tha a’ cur an cèill lèirsinn chruthachail na seirbheis telebhisein ùir. Chuir e fàilte air turas a’ Mhinisteir, ag ràdh: “Is e àm sònraichte a th’ ann an-dràsta airson a h-uile duine a tha an sàs anns an t-Seirbheis Dhidseataich Ghàidhlig, agus tha sinn toilichte gu bheil Riaghaltas na h-Alba gar brosnachadh ’s sinn a’ dol a dh’ionnsaigh latha tòiseachaidh sianal ùr a bhios a’ toirt deagh phrògraman – eadar spòrs, ceòl, aithris agus prògraman cloinne – gu luchd-amhairc ann an Alba.”
Thuirt Linda Fabiani: “Tha e mar rùn daingeann aig Riaghaltas na h-Alba taic a thoirt gu MG ALBA. Tha Gàidhlig aig cridhe cultar na h-Alba agus bidh an sianal didseatach air leth cudromach ann a bhith a’ brosnachadh na Gàidhlig mar chànain bheò. Bidh an t-seirbheis ùr luachmhor airson roinn neo-eisimeileach nam meadhanan ann an Alba agus airson seasmhachd chompanaidhean a tha ag obair air prògraman Gàidhlig, mar Mactv an seo ann an Steòrnabhagh. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri toiseach an t-sianail am bliadhna.”
Thuirt Donnchadh MacAonghais, cathraiche eadar-amail Bòrd MG ALBA: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil Linda Fabiani a’ cumail taic ri craoladh Gàidhlig agus gu bheil i cho dealasach mun t-Seirbheis Dhidseataich Ghàidhlig. Tha taic aig ìre an Riaghaltais deatamach airson leasachadh seirbheis a bhios ri faighinn air feadh Alba agus tro gach meadhan didseatach a th’ ann.”
Crìoch
04 Iuchar 2008
Fios airson deasaichean:
Is e MG ALBA an t-ainm ùr làitheil a tha air Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, a tha ag obair ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC airson an t-Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig a libhrigeadh agus prògraman Gàidhlig air telebhisean, rèidio agus air-loidhne a thoirt gu muinntir na h-Alba.
Tha MG ALBA a’ seasamh airson Meadhanan Gàidhlig Alba.
www.mgalba.com