Seirbheisean Deasachadh Bhideo agus Seirbheisean Grafaiceach - Promothan
Tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig a’ sireadh iarrtasan bho chompanaidhean no daoine fa leth a thaobh a bhith a’ solar sheirbheisean deasachadh bhideo agus sheirbheisean grafaiceach airson an t-seanail ùr Ghàidhlig.
Bidh an obair a’ gabhail a-steach a bhith a’ cur theamplaidean ghrafaiceach promo thar promothan a chaidh an ro-ullachadh. Bhiodh e am fàbhar an neach nam biodh e comasach dha/dhi a bhith ag obair mar stiùiriche/deasaiche promo bho àm gu àm. Feumaidh dearbhadh a bhith ann gu bheil an neach comasach a bhith ag obair gu ceann-ùine teann agus gu ìre àrd a thaobh obair teicniceach.
Thathar a’ meas gum bi obair gu leòr an lùib seo gus deasaiche a chumail ann an obair air stèidh làn-thìde.
Bu chòir comasan sa Ghàidhlig a bhith aig a' chompanaidh / daoine fa leth.
Ma tha ùidh agaibh, cuiribh a dh’iarraidh tuilleadh fiosrachaidh bho Murchadh Moireasdan aig murdo@gms.org.uk
Iarratasan fhoirmeil ri bhith staigh ro 30 May 2008