Àireamhan brosnachail airson luchd-amhairc telebhisean Gàidhlig
Tha 5% de dhaoine ann an Alba comasach air Gàidhlig a bhruidhinn gu fileanta no aig ìre-chòmhraidh, a rèir figearan ùra, agus tha 7% a bharrachd ag ràdh gu bheil beagan fhaclan aca. Mar sin, tha Gàidhlig aig ìre air choireigin aig 12%, àireamh nas àirde na bhathas a’ sùileachadh.
Thàinig na h-àireamhan seo am bàrr an lùib rannsachadh thairis air Alba gu lèir a chuir Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig air dòigh aig deireadh 2007. Chaidh a’ buidheann rannsachaidh Progressive Research fhastadh airson fiosrachadh a lorg mu na beachdan aig muinntir na h-Alba air a’ Ghàidhlig agus air an t-Seirbheis Dhidseataich Ghàidhlig ùir, a thèid air an adhair am bliadhna.
Thuirt 46% den luchd-fhreagairt (san rannsachadh omnibus de 1001 neach) gun robh ùidh aca ann an cultar na Gàidhlig agus thuirt 19% gum biodh iad airson barrachd ionnsachadh mun Ghàidhlig.
A bharrachd air an rannsachadh omnibus, chaidh ceistean a chur cuideachd air 201 neach le Gàidhlig. Thuirt 84% den luchd-fhreagairt le Gàidhlig agus faisg air 50% den luchd-fhreagairt san rannsachadh omnibus gum bi iad a’ coimhead air an t-Seirbheis Dhidseataich Ghàidhlig nuair a thoisicheas e (44% a bhiodh buailteach coimhead, 45% nach biodh buailteach coimhead agus 11% nach do bheachdaich taobh seach taobh).
A’ cur fàilte air toraidhean an rannsachaidh, thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd Oifigear Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig: “Tha na figearan seo a’ sealltainn gu bheil e ceart gum biodh an t-Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig ag amas air a bhith a’ tàladh luchd-amhairc bho gach ceàrnaidh ann an Alba. Tha e na adhbhar dòchais dhuinn gu bheil ceangail dhan Ghàidhlig aig an uidhir de dhaoine seo.”
Thuirt Ministear na Roinn Eòrpa, Chùisean Cèin agus Cultar, Linda Fabiani:
Is e deagh naidheachd a th’ ann agus tha mi air mo bhrosnachadh leis na figearan seo. Tha mi a’ creidsinn gu bheil e cudromach gun cum sinn oirnn le bhith a’ neartachadh inbhe na Gàidhlig agus ag adhartachadh ionnsachadh na Gàidhlig aig a h-uile ìre. Is ear n-amas gum bi a’ Ghàidhlig seasmhach san àm ri teachd, agus cuidichidh an t-Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig san oidhirp seo.
Thuirt Coinneach Moireach, Àrd Oifigear Bòrd na Gàidhlig: “Tha na figearan ùra glè bhrosnachail, a’ sealltainn gu bheil cothrom ann airson àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig a mheudachadh. Feumaidh sinn togail air an fhiosrachadh ùr seo agus coimhead le dòchas air co-obrachadh le buidhnean ’s le coimhearsnachdan son an cànan againn a leasachadh.
“Bidh na figearan seo gu feum cuideachd ann an deasachadh nan ceistean a thèid a chur sa chunntas-sluaigh ann an 2011, agus bidh sinn ag obair còmhla ris an GRO airson seo a leasachadh, a’ leantainn air an obair a rinn iad bho chionn ghoirid ann an Dùn Èideann agus sna h-Eileanan Siar.”
Crioch
21 Am Faoilleach 2008
Airson barrachd fiosrachadh agus grafaichean a’ sealltainn cuid de na h-àireamhan, cuir fios gu Iagan MacNèill air 0131 556 6649 / 07770 886 928
Modh-rannsachaidh:
Chaidh an rannsachadh a dhèanamh ann an dà cheum. Sa chiad cheum, chaidh ceistean a chur, ann an agallamhan-fòn, air sampall de 1001 duine a tha a’ riochdachadh sluagh na h-Alba, a’ cleachdadh Scottish Opinion, a’ chuairt-rannsachaidh bheachdan a chuireas Progressive Research air dòigh a h-uile seachdain. Sa darna cheum, rinn Progressive 201 agallamhan-fòn a bharrachd le daoine aig a bheil Gàidhlig.
A’ cur an dà shampall ri chèile, bha 328 luchd na Gàidhlig ann. Ach airson cudrom neo-iomchaidh air beachdan luchd na Gàidhlig a sheachnadh tha toraidhean airson na dà buidhne gan toirt seachad fa leth. Dh’fhaodadh mearachd +/– 1.4% gu 3.1% a bhith san àireamh son a’ mhòr-shluaigh, agus dh’fhaodadh mearachd +/– 2.4% gu 5.4% a bhith san àireamh son luchd na Gàidhlig. Tha an dà rannsachadh gan tomhas aig ìre-creideis 95%.
Tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (GMS) air a stèidheachadh a rèir an lagh, air a mhaoineachadh tro Riaghaltas na h-Alba agus air a riaghladh le Ofcom. ’S e obair GMS a bhith a’ maoineachadh, a’ coimiseanadh neo a’ riochdachadh phrògraman Ghàidhlig airson telebhisean, rèidio, air-loidhne neo na meadhanan ùra, agus a bhith an-sàs ann an trèanadh, leasachadh agus rannsachadh luchd-amhairc.
’S e amas GMS Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig a chruthachadh, a’ toirt a-steach telebhisean agus meadhanan eile, agus tha e air cead-craolaidh fhaighinn bho Ofcom airson seo. Tha GMS agus am BBC air aontachadh gun obraich iad còmhla ann an co-bhanntachd gus seirbheis ùr a chruthachadh a bhios beothail, farsaing, cosg-èifeachdach agus stèidhichte anns an là an-diugh.