17 Dùbhlachd 2008
MG ALBA A’ TABHANN COTHROM AIR BBC ALBA A CHOIMHEAD ANN AN DACHAIGHEAN-CÙRAIM NAN EILEAN SIAR
Tha e na adhbhar aoibhneis do MG ALBA foillseachadh an-diugh (Diciadain) gu bheil e air teannadh ris a’ bhogsa Freesat a sholarachadh do dhachaighean-cùraim còmhnaidheil air feadh nan Eilean Siar.
Ann an aonta compàirteachaidh eadar MG ALBA, roinn obrach shòisealta Chomhairle nan Eilean Siar, Bòrd Slàinte nan Eilean Siar agus an ‘League of Friends’, bidh bogsaichean Freesat gan solarachadh do gach uile dachaigh-cùraim sna h-Eileanan Siar aig nach eil an t-seirbheis telebhisean saideil dhidseatach an-dràsta.
Bidh Taigh na Hearadh agus Dùn Eisdean am measg nan ciad taighean-cùraim sna h-Eileanan Siar a gheibh am bogsaichean Freesat, a’ leigeil leis an luchd-còmhnaidh faighinn air BBC ALBA a choimhead, an sianal telebhisein ùr Gàidhlig.
Thuirt Alasdair Moireasdan, Cathraiche MG ALBA: “Tha e math gun robh e comasach dhuinn ann an compàirteachadh le càch BBC ALBA a thabhann ann an dachaighean-cùraim air feadh nan eilean. ’S e dearbhadh a tha seo air ar cuid dealais airson ruigsinneachd an t-sianail mhòr-chòrdte BBC ALBA a mheudachadh.
“Do sheann daoine sa choimhearsnachd tha prògraman Gàidhlig ro chudromach agus ’s e ceum adhartach dha-rìribh a tha ann gun deach an t-seirbheis mhiannaichte seo a thairgsinn dhaibh le bhith ag obair còmhla ris an ùghdarras ionadail, ris a’ bhòrd shlàinte agus ris an ‘League of Friends’, gu h-àraidh aig àm dhen bhliadhna nuair a bhios BBC ALBA a’ craoladh clàr ionmholta de phrògraman Nollaige sa Ghàidhlig.”
Chaidh a ràdh le Ceannard Chomhairle nan Eilean, Aonghas Caimbeul: “Ged a tha na h-àireamhan-amhairc aig BBC ALBA fada nas àirde na bhathar an dùil tha fhathast na h-uimhir de Ghaidheil, òg is sean, nach urrainn an sianal a ruigsinn on nach eil e ri fhaotainn air Freeview.
Bidh an iomairt-sa, le taic MG ALBA, a’ toirt cothrom do luchd-còmhnaidh Thaigh na Hearadh agus Dhùn Eisdean an sianal ùr agus a shàr-thaghadh de phrògraman a mhealtainn. Tha cuid mhath dhen luchd-còmhnaidh air atharrachaidhean mòra nan dòigh-beatha fhiosrachadh tro na bliadhnaichean agus bha leasachadh leithid sianal telebhisein Gàidhlig ma dh’fhaoidte a cheart cho do-chreidsinneach, aig aon àm, ri duine a’ cur cas air a’ ghealaich.”
Thuirt Comhairliche, Anna NicDhòmhnaill, Cathraiche Chomataidh Cho-sheirbheisean: “Le bhith a’ gabhail a-steach telebhisean Gàidhlig anns an roghainn de shianalan thathar a’ toirt piseach air càileachd beatha ar luchd-còmhnaidh agus ’s e leasachadh a th’ ann air a bheil sinn a’ cur fàilte gu sònraichte mar thoradh air an àireamh àrd de Ghaidheil nar dachaighean-cùraim.”
Bidh an iomairt, air a bheil cosgais cho ìseal ri £140 airson am bogsa Freesat a chur an sàs, a’ leantainn air adhart tron Dùbhlachd is Fhaoilleach gus am bi cothrom aig a h-uile neach-còmhnaidh ann an dachaigh-cùraim BBC ALBA fhaicinn.
Airson clàr slàn de na prògraman a bhios rim faotainn air BBC ALBA aig àm na Nollaige is na Bliadhn’ Ùir nach tadhail sibh air www.bbcalba.co.uk no www.mgalba.com

Airson fiosrachadh a bharrachd cuiribh fios gu Lorna Inglis no Ramsay Smith aig Media House air 0141 220 6040 no le post-d: lorna@mediahouse.co.uk / ramsay@mediahouse.co.uk
Notaichean Luchd-deasachaidh:
Gheibhear BBC ALBA air sianal 168 Sky agus air Freesat sianal 110. Thathas an dùil gum bi BBC ALBA ri fhaighinn air càball an ceann ùine. An urra ri sgrùdadh le Urras a’ BhBC, bidh BBC ALBA ri fhaighinn air Freeview nuair a thèid atharrachadh gu seirbheis dhidseatach ann an 2010. Airson barrachd fiosrachaidh faicibh www.bbcalba.co.uk
Tha MG ALBA agus am BBC air co-bhann a stèidheachadh airson seirbheisean telebhisein didseataich, rèidio agus air-loidhne a lìbhrigeadh sa Ghàidhlig. Bithear a’ craoladh seirbheis BBC ALBA fo chead BBC. Gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu obair a’ chom-pàirteachais rachaibh gu www.mgalba.com
’S e MG ALBA ainm obrach Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, a tha maoinichte le Riaghaltas na h-Alba agus fo riaghladh Ofcom. Tha an t-ainm MG ALBA a’ seasamh airson Meadhanan Gàidhlig Alba.