9 Dùbhlachd 2008
Còcaire nan Còcairean
Sa chòigeamh cuairt dhen fharpais ùr còcaireachd, a tha air a phreasantadh le Cathaidh NicDhòmhnaill, chìthear dithis fharpaiseach eile a’ strì ri chèile feuch cò bhios air an crùnadh mar Chòcaire nan Còcairean, ann an sreath ùr còcaireachd BBC ALBA.
Ann am prògram na h-ath sheachdain, air a chraoladh Diluain 15mh Dùbhlachd, bidh cùisean a’ sìor fhàs teann is dithis chòcairean neo-dhreuchdail à Eilean Leòdhais a’ farpais gus pàrtaidh dìnnearach le dà chùrsa a chruthachadh dha aon neach ann an uair a thìde.
Bheir Seonag Shiseal seachad marag dhubh Steòrnabhaigh agus ubhal bruich air a phasgadh ann am pastraidh at mar chùrsa tòiseachaidh, tha seo air a leantainn le prìomh chùrsa de chearc ann an annlan fìona ghil le dearcan-fìona, buntàta milis, agus taghadh de ghlasraich ùr.
Nì Dòmhnall Mac a’ Ghobhainn brot de bhalagan-buachrach spìosrach airson a’ chiad chùrsa aig agus colp mairtfheòil air a fhraighigeadh le creamhan-gàraidh, buntàta milis pronn agus barran creamh-mac-fèidh ròsta.
A’ dèanamh a’ bhreithneachaidh bidh Alasdair MacLeòid, Àrd Chòcaire sa Chuan a Tuath, Maureen NicLeòid a bha, gu o chionn ghoirid, na sealbhadair air trì taighean-òsta eileanach agus D C MacIlleathain, prìomh chòcaire ann an taigh-bidhe air Ghàidhealtachd.
Gheibh an neach a bhuannaicheas cuach Criostal Waterford agus turas dhan Chòirn far am faigh e/i cothrom a dhol gu cùrsa ceithir latha aig Sgoil Bìdh-mhara Rick Stein ann am Padstow, air aon de na sgoiltean còcaireachd as fheàrr san Roinn Eòrpa.
Seall ri seo is an teòdhachd sa chidsin a’ sìor àrdachadh tron t-sreath.
Bidh Còcaire nan Còcairean air a chraoladh gach Diluain air BBC ALBA aig 20:30 agus chithear e air sianal 168 Sky & sianal 110 Freesat.
Aithris Deilbh: (clì gu deas) Dòmhnall Mac a’ Ghobhainn à Eilean Leòdhais, Cathaidh NicDhòmhnaill am preasantair agus Seonag Shiseal cuideachd à Eilean Leòdhais.
Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu Lorna Inglis aig Taigh nam Meadhanan air 0141 220 6040 / lorna@mediahouse.co.uk
Notaichean Luchd-deasachaidh:
’S e MNE Media, aon de shàr chompanaidhean neo-eisimeileach na h-Alba a dheasaich Còcaire nan Còcairean dha BBC ALBA. (Airson tuilleadh fiosrachaidh rachaibh gu www.mnemedia.tv)
Gheibhear BBC ALBA air sianal 168 Sky agus air Freesat sianal 110. (Airson barrachd fiosrachaidh faicibh www.bbcalba.co.uk)
Thathas an dùil gum bi BBC ALBA ri fhaighinn air càball an ceann ùine. An urra ri sgrùdadh le Urras a’ BhBC, bidh BBC ALBA ri fhaighinn air Freeview nuair a thèid atharrachadh gu seirbheis dhidseatach ann an 2010.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu ruigsinneachd BBC ALBA rachaibh gu ar làrach-lìn: www.mgalba.com.
Tha MG ALBA agus am BBC air co-bhann a stèidheachadh airson seirbheisean telebhisein didseataich, rèidio agus air-loidhne a lìbhrigeadh sa Ghàidhlig. Bithear a’ craoladh seirbheis BBC ALBA fo chead BBC. Gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu obair a’ chom-pàirteachais rachaibh gu www.mgalba.com.
’S e MG ALBA ainm obrach Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, a tha maoinichte le Riaghaltas na h-Alba agus fo riaghladh Ofcom. Tha an t-ainm MG ALBA a’ seasamh airson Meadhanan Gàidhlig Alba.