Naidheachdan > Tasglann Naidheachdan 2008

COLA-DEUG! – Tha latha tòiseachaidh BBC ALBA a’ teannadh oirnn.

Chan eil ach cola-deug ri dhol eadar a-màireach (05 Sultain) agus latha tòiseachaidh BBC ALBA, an t-seirbheis ùr dhidseatach Ghàidhlig.

Bidh an sianal a’ tòiseachadh Dihaoine 19 Sultain le cuirm ciùil ga craoladh beò bhon Eilean Sgitheanach agus le drama ùr.

Is e clach-mìle eachdraidheil airson craoladh ann an Alba a tha san t-sianal ùr, as dèidh iomairt fad bhliadhnaichean leis a’ choimhearsnachd Ghàidhlig.

Tha BBC ALBA na cho-bhanntachd eadar am BBC agus MG ALBA.

An-diugh tha Alasdair Moireasdan, Cathraiche MG ALBA, agus Fiona NicChoinnich, prìomh phreasantair BBC ALBA, air a bhith a’ comharrachadh a’ chola-deug mu dheireadh mus tèid an sianal beò.

Thuirt Fiona NicChoinnich: “Tha e mìorbhailteach gu bheil an sianal dìreach cola-deug air falbh. Tha sinn a’ sìor dhèanamh fiughair ris an latha tòiseachaidh agus tha sinn glè thoilichte gu bheil e a-nis cho faisg oirnn.”

Thuirt Alasdair Moireasdan: “Tha a h-uile Gaidheal a’ tuigsinn dè cho cudromach ’s a tha e nach eil ach cola-deug romhainn mus toisich an sianal – an cola-deug as cudromaiche airson na coimhearsnachd Gàidhlig airson linntean.

“Eadar seo agus 19 Sultain tha an teachdaireachd mun t-sianal ùr soilleir – tha e a’ tighinn, thig còmhla rinn.

“Tha sinn a’ creidsinn gum faigh an luchd-amhairc fìor dheagh phrògraman tron t-sianal agus gum bi sinn uile moiteil às.”
Thuirt Coinneach MacGuaire, Àrd-stiùiriche a’ BhBC ann an Alba, “Tha fios agam gu bheil a h-uile duine aig BBC ALBA a’ dèanamh fiughair ri seirbheis leasaichte ùr airson luchd na Gàidhlig agus muinntir na h-Alba air fad. Tha misneachd againn gun còrd na prògraman ùra tarraingeach ri luchd-amhairc ann an Alba.”
Crìoch

Fios airson luchd-deasachaidh:

Bidh BBC ALBA ri fhaighinn air Sky sianal 168 agus air Freesat sianal 110.

Thathas an dùil gum bi BBC ALBA ri fhaighinn air càball an ceann greis. A rèir toraidhean leirmheas Urras a’ BhBC, bidh BBC ALBA ri fhaighinn air Freeview as dèidh tionndadh gu didseatach ann an 2010. Airson barrachd fiosrachadh air mar a gheibhear BBC ALBA, faic www.mgalba.com.

Tha MG ALBA agus am BBC air co-bhanntachd a stèidheachadh airson seirbheisean didseatach telebhisein, rèidio agus air-loidhne ann an Gàidhlig a libhrigeadh. Bidh BBC ALBA ga craoladh le cead-craolaidh a’ BhBC. Airson barrachd fiosrachadh mun cho-bhanntachd, faic www.mgalba.com.

Is e MG ALBA ainm gnìomha Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, a tha ga maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus ga riaghladh le Ofcom. Tha MG ALBA a’ seasamh airson Meadhanan Gàidhlig Alba.

4 Sultain 2008.