Naidheachdan > Fios Naidheachd as Ùire

12 Dùbhlachd 2008

CRAIG BROWN AN CEANN IOMAIRT AN AGHAIDH SGIOBA BREATANNACH

Tha seann Mhanaidsear Sgioba Ball-coise na h-Alba, Craig Brown, air fhoillseachadh gu bheil e gu bhith an ceann ath-chuinge AN AGHAIDH SGIOBA GB am broinn Bhall-coise Albannach.

Ann an agallamh dà-phàirteach a bhios ga chraoladh air BBC ALBA Disathairne agus Didòmhnaich seo tighinn, chuir Craig Brown an cèill gu bheil e gu làidir an aghaidh leithid de rud ri sgioba GB is e ag ràdh, “Chan eil mi a’ cur earbsa ann am FIFA”.

A’ bruidhinn gu sònraichte ri ‘Spòrs’ BBC ALBA, chnuasaich seann Mhanaidsear na h-Alba air a’ bheachd a th’ aige gu bheil FIFA a-nis a’ feuchainn ri ball-coise air feadh an t-saoghail a shìmpleachadh ri linn àrdachadh mòr anns an àireamh de sgiobaidhean nàiseanta a thàinig gu bhith sna 1990n às dèidh sgaraidhean san Aonadh Shoibhiet agus Iugoslabhia.

Tha a chuid bheachdan a’ nochdadh air thoiseach air co-dhùnadh a tha an dùil tachairt an ath sheachdain a chuireas iomairt oifigeil air bhog, is Craig Brown os a cionn, an aghaidh Sgioba GB ann am ball-coise ann am Olympics 2012.

A’ dèanamh iomradh air, thuirt Alan Esslemont, Ceannard Phrògraman BBC ALBA: “Tha agallamh Chraig a’ toirt tuigse air a sheasamh mu bhall-coise Albannach agus gu seachd àraid mun deasbad a th’ ann an-dràsta air Sgioba Breatannach airson Olympics 2012.

“Tha sinn a’ sìor lorg dhòighean gus ar pasgan spòrs a thoirt am feabhas agus tha an agallamh seo na dheagh eisimpleir air a bhith a’ tabhann susbaint bhuntainneach is chudromach. O chaidh ar cur air bhog, tha ullachadh spòrs BBC ALBA air a bhith ga dhearbhadh gu sònraichte coiteanta agus na fhìor shoirbheachadh.”

Thèid a’ chiad earrann de dh’agallamh Chraig Brown a chraoladh rè Spòrs BBC ALBA air Oidhche Shathairne eadar 8-10f agus chìthear earrann a dhà air Spòrs Dhidòmhnaich eadar 2.30-4.30f. Gheibhear BBC ALBA air sianal 168 Sky agus air sianal 110 Freesat.

Rè an agallaimh, bidh Craig Brown cuideachd a’ beachdachadh air na h-amannan as fheàrr na dhreuachd agus mar a bha e na phàirt de Chuairtean-deireannach Chuach na Cruinne am Meagsago ann an 1986 còmhla ris an Ridire Alex Ferguson.

CRÌOCH

Airson fiosrachadh a bharrachd cuiribh fios gu Lorna Inglis no Ramsay Smith aig Media House air 0141 220 6040 no le post-d: ramsay@mediahouse.co.uk / lorna@mediahouse.co.uk  

Notaichean Luchd-deasachaidh:

Tha MG ALBA agus am BBC air co-bhann a stèidheachadh airson seirbheisean telebhisein didseataich, rèidio agus air-loidhne a lìbhrigeadh sa Ghàidhlig. Gheibhear BBC ALBA air sianal 168 Sky agus air Freesat sianal 110.

Thathas an dùil gum bi BBC ALBA ri fhaighinn air càball an ceann ùine. An urra ri sgrùdadh le Urras a’ BhBC, bidh BBC ALBA ri fhaighinn air Freeview nuair a thèid atharrachadh gu seirbheis dhidseatach ann an 2010. Airson barrachd fiosrachaidh faicibh www.bbcalba.co.uk.

Tha MG ALBA agus am BBC air co-bhann a stèidheachadh airson seirbheisean telebhisein didseataich, rèidio agus air-loidhne a lìbhrigeadh sa Ghàidhlig. Bithear a’ craoladh seirbheis BBC ALBA fo chead BBC. Gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu obair a’ chom-pàirteachais rachaibh gu www.mgalba.com.

’S e MG ALBA ainm obrach Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, a tha maoinichte le Riaghaltas na h-Alba agus fo riaghladh Ofcom. Tha an t-ainm MG

Tha MNE Media air tè de na prìomh chompanaidhean riochdachadh telebhisein neo-eisimileach an Alba le cliù air leth airson prògraman craolaidh de dh’àrd-inbhe a dhèanamh. Mar chompanaidh a choisinn duaisean gu h-eadar-nàiseanta, bidh MNE Media gu cunbhalach a’ liubhairt phrògraman ùra, mòr-chòrdte, ùr-ghnàthaichte. www.mnemedia.tv