Naidheachdan > Fios Naidheachd as Ùire

11 Dùbhlachd 2008

PRÌOMH PHRÒGRAMAN CUIRMEACH AIR BBC ALBA

Tha BBC ALBA a’ comharrachadh a chiad uair de chraoladh aig àm na Nollaige is na Bliadhn’ Ùir le taghadh air leth de phrògraman Gàidhlig.

Bidh an sianal a’ tabhann dibhearsan is fealla-dhà don teaghlach air fad le dràmathan, aithriseachdan, ùr-fhilmichean Gàidhlig, ceòl agus spòrs. Am measg nam feartan sònraichte a chìthear air BBC ALBA aig àm na Nollaige tha:

  • Ceòl – Piping Live 2008 air Disathairne 20mh aig 22:00 / Duain Nollaige ann an Kelvingrove air Oidhche Nollaig aig 20:25 / Runrig – ‘City of Lights’ aig 19:00 air Latha na Nollaige / Julie Fowlis agus a còmhlan beò bho Ghlaschu air Latha a’ Bhogsaidh aig 22:00
  • Sùil air ais air Mòd 2008 air Dimàirt 30mh aig 19:00 agus cunntas air Duaisean Ciùil Thraidiseanta MG ALBA am-bliadhna air Oidhche Challainn aig 19:00
  • Filmichean – Ciad thaisbeanadh de ‘Seachd – The Inaccessible Pinnacle’ air Latha Nollaig aig 21:30 / ‘An Iolaire’ – a’ cumail an 90mh ceann-bliadhna den mhòr-thubaist thùrsach a thachair Oidhche Challainn 1919 – thèid am prògram-sa a chraoladh 1mh Faoilleach aig 21:00
  • Aithriseachdan – ‘Sìm MacCoinnich’ – Moladh beatha is obair Shìm MhicChoinnich nach maireann, bho àrach sna Hearadh agus na làithean òga ud mar riochdaire Gàidhlig leis na Fir Chlis, gu ruige cliù is cosnadh ann an cleasaidheachd. Thèid seo fhaicinn air Oidhche Challainn aig 22:30 / ‘Dìomhair’ – Sgeulachd air mar a dh’obraich Riaghaltasan leantainneach nan Làborach is nan Tòraidhean air cùl ghnothaichean, gu dìomhair, suas ris na ’70n gus an gluasad Fèin-riaghlaidh agus Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (SNP) a mhì-chliùthachadh – is e air fhoillseachadh le pàipearan a bha uair dìomhair a tha a-nis rim faotainn bho thasglainn oifigeil. Thèid am prògram-sa a chraoladh air Latha a’ Bhogsaidh 26mh Dùbhlachd aig 21:00
  • Spòrs – craoladh cunbhalach ‘mar-bheò’ de bhall-coise an SPL agus rugbaidh-cluba Albannach
  • Don Òigridh – tha sgioba ‘Dè a-nis?’ a’ toirt thugaibh thiodhlacan sònraichte airson Nollaige: beothachadh math dha-rìribh, ‘Fear nam Mìorbhail’ agus; dràma ùr a choimheadas air beatha dhripeil a’ ‘Ghille Fhortanaich’.
  • Seirbheis Nollaige Eadar-eaglaiseach – Craoladh Nollaige às na h-Eileanan air Oidhche Nollaig aig 23:00 agus Latha na Nollaige aig 16:20
  • Cuirm Bheò Oidhche Challainn bho Steòrnabhagh a’ tòiseachadh aig 23:30 agus air a chraoladh aig a’ cheart àm air BBC Radio nan Gàidheal

Thuirt Alan Esslemont, Ceannard Phrògraman aig BBC ALBA: “Dhealbh sinn ar ciad chraoladh aig àm na Nollaige do gach aois is don a h-uile duine san teaghlach agus tha sinn an dòchas gur e fìor thaghadh beothachail de phrògram a bhios ann a shàsaicheas iomadh blas is luchd-amhairc.

“Tha cuirm bheò Oidhche Challainn na dhòigh shònraichte math gus àm na Nollaige a tharraing gu crìch agus gàirdeachas a dhèanamh ri bliadhna cur-air-bhog BBC ALBA. Tha mi a’ dèanamh fiughair mhòr ri 2009 agus ri bhith ag obair còmhla ri ar sgiobaidhean airson clàr ùr phrògraman a liubhairt do luchd-amhairc air feadh Alba.”

Airson liosta slàn den a h-uile prògram ri fhaotainn air BBC ALBA tro àm na Nollaige agus na Bliadhn’ Ùir nach tadhail sibh air www.bbcalba.co.uk no www.mgalba.com  

CRÌOCH
Airson fiosrachadh a bharrachd cuiribh fios gu Lorna Inglis no Ramsay Smith aig Media House air 0141 220 6040 no le post-d: lorna@mediahouse.co.uk / ramsay@mediahouse.co.uk  

Notaichean Luchd-deasachaidh:

Tha MG ALBA agus am BBC air co-bhann a stèidheachadh airson seirbheisean telebhisein didseataich, rèidio agus air-loidhne a lìbhrigeadh sa Ghàidhlig. Gheibhear BBC ALBA air sianal 168 Sky agus air Freesat sianal 110. Thathas an dùil gum bi BBC ALBA ri fhaighinn air càball an ceann ùine. An urra ri sgrùdadh le Urras a’ BhBC, bidh BBC ALBA ri fhaighinn air Freeview nuair a thèid atharrachadh gu seirbheis dhidseatach ann an 2010. Airson barrachd fiosrachaidh faicibh www.bbcalba.co.uk.

Tha MG ALBA agus am BBC air co-bhann a stèidheachadh airson seirbheisean telebhisein didseataich, rèidio agus air-loidhne a lìbhrigeadh sa Ghàidhlig. Bithear a’ craoladh seirbheis BBC ALBA fo chead BBC. Gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu obair a’ chom-pàirteachais rachaibh gu www.mgalba.com.

’S e MG ALBA ainm obrach Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, a tha maoinichte le Riaghaltas na h-Alba agus fo riaghladh Ofcom. Tha an t-ainm MG ALBA a’ seasamh airson Meadhanan Gàidhlig Alba.