18 Dùbhlachd 2008
‘AN IOLAIRE’
A’ Comharrachadh 90 bliadhna bhon thachair tubaist mara an HMY Iolaire air BBC ALBA, BBC Radio nan Gàidheal agus bbcalba.co.uk
Chun an latha an-diugh ’s e dol-fodha an HMY Iolaire an tubaist mara a bu mhiosa a thachair ann an uisgeachan Bhreatainn ri àm-sìth, ach a dh’aindeoin sin chaneil cus fiosrachaidh mu dheidhinn taobh a-muigh nan Eilean Siar.
Airson comharrachadh an ceann-latha 90 bliadhna bhon thachair an call mara seo tha am BBC le co-mhaoineachadh bho MG ALBA air pròiseact thar mheadhanan a chuir ri chèile. Na lùib tha prògram aithriseach TBh a chìthear air BBC ALBA air Latha na Bliadhn’ Ùir, prògram aithriseach rèidio a bhios ga craoladh air Oidhche Challainn air BBC Radio nan Gàidheal agus làrach-lìn fharsaing, a bheir cunntas mionaideach air tachartasan na tubaist mara a bhios ga cur air bhog air bbc.co.uk/iolair cuideachd air Oidhche Challainn.
Chailleadh còrr is dà cheud fear à Leòdhas is às na Hearadh is iad a’ tilleadh dhachaigh air fòrladh aig deireadh dhaibh tighinn beò as a’ Choghadh Mhòr. Bhuail an HMY Iolaire sgeirean Bhiastan Thuilm tràth Latha na Bliadhn’ Ùir 1919, astar goirid bho theàrmann cala Steòrnabhaigh. Gu slaodach, ràinig naidheachd an tachartais na teaghlaichean is caraidean a bha a’ feitheamh gu dùrachdach ri an luchd-gaoil.
Chaill pàrantan am mic, mnathan na fir aca agus còrr air 200 duine chloinne an athraichean. Thug an call seo buaidh do-labhairt air coimhearsnachdan agus dh’fhàg e sgleò thairis air beatha nan eileanach a mhair ginealaichean.
Anns a’ phrògram telebhisein chithear na leanas:
Agallamhan cumhachdach agus drùiteach à tasglann a’ BhBC le cuid de na shàbhail às an Iolaire, leithid Dòmhnall ‘Patch’ Moireasdan, a bha leis fhèin a’ cumail ris a’ chrann fad na h-oidhche stoirmeil ud agus Iain F MacLeòid, a shnàmh gu tìr le ròpa a bha mar mheadhan air sàbhaladh 30 fhear eile às a’ bhàta.
Agallamhan le Mòr NicLeòid, a chuimhnich gu mionaideach air na h-ullachaidhean airson tilleadh a h-athar, mus deach innse nach biodh e idir a’ tighinn dhachaigh, agus Sandaidh ‘Mòr’ MacLeòid aig an robh cuimhne thràth a bhi a’ cluinntinn gun deach corp athar a lorg. Bidh Iain Murchadh MacLeòid, mac Iain F MacLeòid, ag innse dhuinn an sgeulachd mun ròpa a shàbhail iomadach beatha mar a chuala e i bho athair. Agus cluinnidh sinn mar a bha a’ bhana-bhàrd chliùiteach Anna Frater air a brosnachadh gu sgrìobhadh leis mar a tha chaill a seanmhair a h-athair fhèin san Iolaire.
A’ chiad sealladh air telebhisean den Iolaire fon uisge far a bheil i air a bhi na laighe fad 90 bliadhna dìreach beagan astar bhon chladach.
Beachd bho eòlaiche mara Aonghas Moireach, le taic chairtean-iùil agus turais gu làrach an Iolaire air dè a dh’adhbharaich an tubaist cho faisg air cala.
Òran ùr mun tachartas bho sgoilearan Gàidhlig is roinn a’ chiùil ann an Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh.
Tha am prògram rèidio air aithris le Nan S. NicLeòid, a tha air agallamhan cudromach a thoirt bho thasglann BhBC Radio nan Gàidheal air an Iolaire.
Thèid an làrach-lìn, bbc.co.uk/iolaire, beò air 31 Dùbhlachd agus gheibhear fiosrachadh mionaideach ri èisteachd agus ri leughadh cuide ri deilbh agus bhidio – bidh barrachd ghoireasan còmhla air an làrach sa mun chuspair na tha ann an àite sam bith eile. Bheir i mion-fhiosrachadh air tachartasan Oidhche Challainn 1918 agus air na thachair às a dhèidh, a’ gabhail a-steach chlàraidhean tasglainn sònraichte bho chunntasan fhir a thàinig beò aiste agus luchd-fianais, cho math ri fiosrachadh air an rannsachadh tubaist mharbhtaich agus a’ bhuaidh a bha aig a’ chall air teaghlaichean is coimhearsnachdan air feadh nan Eilean Siar.
Chaidh An Iolaire a riochdachadh do BhBC ALBA leis a’ BhBC agus thèid a chraoladh air Latha na Bliadhn’ Ùir, Diardaoin 1d Faoilleach 2009 aig 21:00.
Airson fiosrachadh a bharrachd cuiribh fios gu Lorna Inglis no Ramsay Smith aig Media House air 0141 220 6040 no le post-d: lorna@mediahouse.co.uk / ramsay@mediahouse.co.uk
Notaichean Luchd-deasachaidh:
Tha MG ALBA agus am BBC air co-bhann a stèidheachadh airson seirbheisean telebhisein didseataich, rèidio agus air-loidhne a lìbhrigeadh sa Ghàidhlig. Gheibhear BBC ALBA air sianal 168 Sky agus air Freesat sianal 110. Thathas an dùil gum bi BBC ALBA ri fhaighinn air càball an ceann ùine. An urra ri sgrùdadh le Urras a’ BhBC, bidh BBC ALBA ri fhaighinn air Freeview nuair a thèid atharrachadh gu seirbheis dhidseatach ann an 2010. Airson barrachd fiosrachaidh faicibh www.bbcalba.co.uk.
Tha MG ALBA agus am BBC air co-bhann a stèidheachadh airson seirbheisean telebhisein didseataich, rèidio agus air-loidhne a lìbhrigeadh sa Ghàidhlig. Bithear a’ craoladh seirbheis BBC ALBA fo chead BBC. Gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu obair a’ chom-pàirteachais rachaibh gu www.mgalba.com.
’S e MG ALBA ainm obrach Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, a tha maoinichte le Riaghaltas na h-Alba agus fo riaghladh Ofcom. Tha an t-ainm MG ALBA a’ seasamh airson Meadhanan Gàidhlig Alba.