11 Dùbhlachd 2008
NOLLAIG BHO NA H-EILEANAN – ‘AN ISLES CHRISTMAS’
SEIRBHEIS UIL’-EAGLAISEIL NOLLAIGE AIR BBC ALBA
Thèid tachartas sònraichte Nollaige, Nollaig bho na h-Eileanan, a chraoladh air BBC ALBA, le seirbheis uil’-eaglaiseil bho Eaglais Naomh Pheadair, Dalabrog, Uibhist a Deas.
A’ cuairteachadh an tachartais bidh an t-Athair Ruairidh MacAmhlaigh, le ùrnaighean is leughaidhean bhon Urramach Iain Mac a’ Ghobhainn bho Eaglais na h-Alba agus bhon Urramach Iain MacAsgaill bhon Eaglais Shaoir.
Bidh luchd-ciùil chliùiteach Julie Fowlis, Mairead Stiùbhart agus Pòl MacCaluim ann le cuideachadh bhon chòmhlan ionadail, The Flying Fiddles agus luchd-ciùil òga bho àrainn Bheinn a’ Bhaoghla de Cholaisde a’ Chaisteil OGE. Bidh àrd-chòisir Sgoil Lìonacleit agus coitheanal Dhalabroig a’ seinn laoidhean Nollaige agus am pìobaire Iain MacDhòmhnaill a’ cur fàilte air Latha na Nollaige.
Anns a’ phrògram cuideachd bidh tachartasan coimhearsnachd bhon sgìre suas ri àm na Nollaige, a’ gabhail a-steach sgoilearan bho Bhunsgoil an Iochdair a’ lìonadh bhucas bhròg le gnothaichean Nollaige dha daoine bochd thall-thairis agus prìomh aon is dhà ann am Bunsgoil Dhalabroig a’ dèanamh dealbh-chluich mu bhreith Ìosa ann an Gàidhlig.
Bidh Dìnnear Nollaige le luchd-còmhnaidh Taigh Sacred Heart, Dalabrog, sa phrògram cuideachd agus turas gu An Caladh ionad-tadhail dha feadhainn a chleachd a bhith nan tràillean alcoil is dhrogaichean.
Chaidh Nollaig bho na h-Eileanan, a dheasachadh le Eyeline Media Production dha BBC ALBA.
Thèid an t-seirbheis a chraoladh air BBC ALBA air an latha ron Nollaig, Diciadain 24 Dùbhlachd aig 23:00 agus a-rithist air latha na Nollaige, Diardaoin 25 Dùbhlachd aig 16:20.
Fo-thiotal na deilbh : (clì gu deas) Luchd-ciùil aig an t-seirbheis, a’ gabhail a-steach Mairead Stiùbhart, Pòl macCalluim agus Julie Fowlis.
CRÌOCH
Airson fiosrachadh a bharrachd cuiribh fios gu Lorna Inglis no Ramsay Smith aig Media House air 0141 220 6040 no le post-d: lorna@mediahouse.co.uk / ramsay@mediahouse.co.uk
Notaichean Luchd-deasachaidh:
Tha MG ALBA agus am BBC air co-bhann a stèidheachadh airson seirbheisean telebhisein didseataich, rèidio agus air-loidhne a lìbhrigeadh sa Ghàidhlig. Gheibhear BBC ALBA air sianal 168 Sky agus air Freesat sianal 110. Thathas an dùil gum bi BBC ALBA ri fhaighinn air càball an ceann ùine. An urra ri sgrùdadh le Urras a’ BhBC, bidh BBC ALBA ri fhaighinn air Freeview nuair a thèid atharrachadh gu seirbheis dhidseatach ann an 2010. Airson barrachd fiosrachaidh faicibh www.bbcalba.co.uk.
Tha MG ALBA agus am BBC air co-bhann a stèidheachadh airson seirbheisean telebhisein didseataich, rèidio agus air-loidhne a lìbhrigeadh sa Ghàidhlig. Bithear a’ craoladh seirbheis BBC ALBA fo chead BBC. Gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu obair a’ chom-pàirteachais rachaibh gu www.mgalba.com.
’S e MG ALBA ainm obrach Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, a tha maoinichte le Riaghaltas na h-Alba agus fo riaghladh Ofcom. Tha an t-ainm MG ALBA a’ seasamh airson Meadhanan Gàidhlig Alba.