Naidheachdan > Fios Naidheachd as Ùire

Pinnacle

16 Dùbhlachd 2008

Seachd - The Inaccessible Pinnacle

Thèid am prìomh-fhilm cliùiteach Gàidhlig Seachd – The Inaccessible Pinnacle a thaisbeanadh airson na ciad uarach air BBC ALBA aig 21:30 air Latha na Nollaige.

’S ann san Eilean Sgitheanach a chaidh fhilmeadh an 2006 agus tha cluichean sònraichte a’ nochdadh ann bho Phàdruig Moireasdan agus Aonghas Pàdraig Caimbeul, a fhuair ainmeachadh BAFTA airson a phàirt. Choisinn Seachd cuideachd ainmeachadh BAFTA airson Film As Fheàrr agus Sgriobt As Fheàrr agus shealladh e ann an còrr is fichead dùthaich air feadh an t-saoghail, a’ gabhail a-steach nam fèis-film iomraiteach san Ròimh, Dùn Èideann, Bhancùbhar agus Seattle.

Maoinichte le MG ALBA, Sgàilean na h-Alba, BBC Alba agus Oifis Film Ghlaschu, agus air a riochdachadh do Young Films le Christopher Young.

Thuirt Christopher Young: “Tha mi air bhioran gum bi Seachd ga chraoladh air BBC ALBA air Latha na Nollaige. Tha an sianal ag aithneachadh cudromachd am film le bhith a’ toirt leithid de phrìomh àm coimhid dha. Dhaibhsan a tha air am film fhaicinn, tha an sgeulachd a’ tòiseachadh air Oidhche Nollaige – ’s e dha-rìribh àm coileanta a tha ann airson film teaghlaich saidhbhir.”

Chaidh Seachd - The Inaccessible Pinnacle a sgrìobhadh le Jo Cockwell, Iain Fionnlagh MacLeòid, Iseabail NicDhòmhnaill, Simon Miller agus Aonghas MacNeacail, chaidh a stiùireadh le Simon Miller a riochdachadh le Christopher Young.

CRÌOCH

Gus barrachd fiosrachaidh fhaighinn, cuiribh fios gu Lorna Inglis aig Taigh nam Meadhanan air 0141 220 6040 / lorna@mediahouse.co.uk no tadhailibh air http://www.seachd.com far an urrainn dhuibh pasgan naidheachd slàn a luchdachadh a-nuas do Seachd – The Inaccessible Pinnacle.

Fiosrachadh do Luchd-deasachaidh:

Gheibhear BBC ALBA air sianal 168 aig Sky agus air sianal 110 aig Freesat. (Airson barrachd fiosrachaidh, faicibh www.bbcalba.co.uk)

Thathar an dùil nach fhada gus am faighear BBC ALBA air càball. An crochadh air ath-bhreithneachadh le Urras a’ BhBC, gheibhear BBC ALBA air Freeview an dèidh fàs digiteach ann an 2010.

Airson barrachd fiosrachaidh mu chothrom fhaighinn air BBC ALBA nach tadhail sibh air an làrach-lìn againn. www.mgalba.com.

Tha MG ALBA agus am BBC air compàirteachas a stèidheachadh gus telebhisean, radio agus seirbheisean air-loidhne digiteach a thoirt seachad ann an Gàidhlig. Tha seirbheis BhBC ALBA a’ craoladh fo chead aig a’ BhBC. Airson barrachd fiosrachaidh mun dòigh sa bheil an com-pàirteachas ag obair, rachaibh gu www.mgalba.com

Is e MG ALBA an t-ainm fo am bi Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, a th' air a maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba is air a riaghladh le Ofcom, ag obair. Tha MG ALBA na ghiorrachadh air Meadhanan Gàidhlig Alba.