Naidheachdan > Fios Naidheachd as Ùire

9 Dùbhlachd 2008

SEAR GU SIAR –CHAN EIL MISE IOMRAITEACH –FAIGH A-MACH AN SEO MI !
PÀIRT A TRÌ- GUATEMALA

Bidh an ath phrògram ann an sreath Sear gu Siar air BBC ALBA a’ leantainn Diane Mhoireasdan, 21 à Steòrnabhagh an Eilean Leòdhais agus Michelle Mhoireasdan, 20 cuideachd à Steòrnabhagh, agus iad a’ gabhail os làimh chuairtean dùbhlanach agus pròiseactan cobhair choimhearsnachdan ann an Guatemala.

Ag obair anns na ceàrnaidhean as bochda ann an Guatemala, a’ togail dhachaighean agus a’ toirt foghlam is slàinte gu cuid de na teaghlaichean as fheumaiche, tha Diane agus Michelle a’ gabhail pàirt ann am pròiseact a dh’atharraicheas beatha dhaoine gu bràth.
Ag obair mar phàirt de bhuidheann shianar saor-thoileach, tha am paidhir ag amas air taigh a thogail dha teaghlach feumach Guatemalach ann an sia latha. Tha a’ bhuidheann a’ toirt bothag às a chèile agus a’ togail dachaigh bhlocaichean a tha 12 troigh × 19 troighean, le làr saimeint, mullach de mheatailt phreasach le uinneag sa mhullach, doras meatailt agus uinneag ghlainne. Ged nach eil e nas motha na garaids bidh an togalach seo na dhachaigh do sheachdnar a theaghlach.

Tha an obair-thogail cruaidh agus an àrainneachd na dùbhlan san teas is sa bhruthainneachd ach ann an ùine glè bheag tha a’ chlann-nighean a’ faicinn gu bheil buaidh mhòr mhath aig an obair seo air na teaghlaichean is na coimhearsnachdan còmhla ris a bheil iad ag obair.

Ach chan e obair a-mhàin a th’ ann ge-tà, agus tha na cuairtean a tha iad a’ faighinn tro làraichean Guatemalach mar thobhtaichean Mayan ann an Quiriga agus Tikal, agus a’ tadhal air Loch Atitlan agus Chichicastenango a’ tabhann sealladh iongantach dhaibh mu eachdraidh is mu chultar an àite. B’ e an rud a b’ fheàrr leis an dithis shaor-thoilich nuair a dhìrich iad suas gu beinn-theine ghnìomhach, Pacaya, far an deach iad faisg air làbha teth sileach agus a chunnaic iad ceò a’ tighinn a-mach à mullach a’ bheinn-theine a dh’fhaodadh spreadhadh aig àm sam bith.

Tha criomagan bhidio agus dealbhan mu thuras Diane agus Michelle agus an clàr-siubhail is na leabhraichean-là aca rim faicinn air làrach-lìn a’ phrògraim www.seargusiar.com le tuilleadh fiosrachaidh mun t-sreath.

Thèid Sear gu Siar, Guatemala, a chraoladh air BBC ALBA air Diciadain 10 Dùbhlachd aig 21:00 agus chithear e air sianail 168 Sky & sianal 110 Freesat. Thèid am prògram ath-chraoladh air BBC ALBA air Diardaoin 11 Dùbhlachd aig 22.30.

Airson fiosrachadh a bharrachd cuiribh fios gu Lorna Inglis aig Taigh nam Meadhanan air 0141 220 6040 / lorna@mediahouse.co.uk

Notaichean Luchd-deasachaidh:
’S e MNE Media, aon de shàr chompanaidhean neo-eisimeileach na h-Alba a dheasaich Sear gu Siar dha BBC ALBA. (Airson tuilleadh fiosrachaidh rachaibh gu www.mnemedia.tv)

Gheibhear BBC ALBA air sianal 168 Sky agus air Freesat sianal 110. (Airson barrachd fiosrachaidh faicibh www.bbcalba.co.uk)

Thathas an dùil gum bi BBC ALBA ri fhaighinn air càball an ceann ùine. An urra ri sgrùdadh le Urras a’ BhBC, bidh BBC ALBA ri fhaighinn air Freeview nuair a thèid atharrachadh gu seirbheis dhidseatach ann an 2010.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu ruigsinneachd BBC ALBA rachaibh gu ar làrach-lìn: www.mgalba.com.

Tha MG ALBA agus am BBC air co-bhann a stèidheachadh airson seirbheisean telebhisein didseataich, rèidio agus air-loidhne a lìbhrigeadh sa Ghàidhlig. Bithear a’ craoladh seirbheis BBC ALBA fo chead BBC. Gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu obair a’ chom-pàirteachais rachaibh gu www.mgalba.com.

’S e MG ALBA ainm obrach Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, a tha maoinichte le Riaghaltas na h-Alba agus fo riaghladh Ofcom. Tha an t-ainm MG ALBA a’ seasamh airson Meadhanan Gàidhlig Alba.