Naidheachdan > Fios Naidheachd as Ùire
15 Dùbhlachd 2008
Farpaisean Chon-chaorach air BBC ALBA
Tha BBC ALBA, an sianal ùr Gàidhlig, gu math toilichte chur an cèill gum bi deuchainnean Chon-chaorach Eadar-nàiseanta gan craoladh aige.
Thèid a’ chuid as fheàrr de dheuchainnean nan Con-chaorach, an fharpais as cudromaiche ann an saoghal nan deuchainnean ud, a chaidh a chumail ann am Pàirc Chinn Meala, Obar Goill, Ceann a Tuath na Cuimrigh far an deach an 15 a b’ fheàrr den luchd-deuchainn à Alba, Sasainn, Eìrinn agus às a’ Chuimrigh am farpais an aghaidh a chèile, a chraoladh air BBC ALBA Dihaoine 19 Dùbhlachd.
Thèid Deuchainn Chon-chaorach na Cruinne, dhan tàinig còrr is 240 de choin agus de luchd-treòrachaidh à 22 dùthchannan còmhla ann am Pàirc an Duine Mhòir, Lann Dìle, Cathair Mhàrtainn, a chraoladh air BBC ALBA cuideachd Dihaoine 26 Dùbhlachd.
Thuirt an Riochdaire, Caitrìona NicIain aig MNE Media: “Tha mi air a bhith ag iarraidh o chionn fhada gun tigeadh deuchainnean chon-chaorach air ais do na sgàilein againn agus tha an t-seirbheis ùr BBC ALBA air cothrom dha-rìribh a thoirt seachad an spòrs mìorbhaileach seo a chur an làthair.
“Tha luchd nan con-chaorach agus an luchd-leantainn a bhios a' gabhail tlachd às an taisbeanadh seo gun choimeas de sgil agus de cheangal eadar ainmhidh agus neach-treòrachaidh air fàilte mhòr a chur air Farpaisean Chon-chaorach. A dh’aindeoinn gun robh sìde nan seachd sian ann aig amannan, tha e air a bhith na thlachd dha-rìribh an sreath a riochdachadh agus tha sinn an dòchas gun gabhar gu math ris gus am faod e tighinn e air ais an ath bhliadhna.”
Thuirt an neach-aithris, Caitrìona Nic a’ Phì: “An dèidh dhomh fàs suas a’ coimhead air “One Man and his dog” le m’ athair, cha b’ e ruith ach leum leam coinneachadh ris an luchd-treòrachaidh agus, rud as cudromaiche, a bhith gam faicinn ag obair leis na coin aca. Bha cuimhne air choreigin aig a h-uile duine dhan do dh’innis mi mu Fharpaisean nan Con-chaorach a bhith a’ coimhead air deuchainnean chon-chaorach air an telebhisean uair no uaireigin agus bha iarrtas mòr orra bhith coimhead air, gu sònraichte seach gur h-e rud Gàidhlig a th’ ann.
“Bha a h-uile duine den luchd-treòrachaidh agus de na cìobairean gu math glacte leis an spòrs aca agus chìthear sin sa bhàidh a th’ aca ris agus san fhaireachdainn làidir de choimhearsnachd san spòrs aca; cha robh e gu diofar dè ’n t-astar a bh’ ann, bha iad uile eòlach air a chèile, chòrd sin gu mòr rium. Ghabh mi tlachd mhòr às a bhith a' coinneachadh ris na treòraichean uile agus bha feadhainn gu math èibhinn nam measg.
Chaidh Farpaisean Chon-chaorach a riochdachadh airson BBC ALBA le MNE Media agus thèid a chraoladh Dihaoine 19 Dùbhlachd aig 21:00 agus a-rithist Didòmhnaich 21 aig 22:00. Thèid Deuchainnean Chon-chaorach na Cruinne a chraoladh Dihaoine 26 aig 20:00.
CRÌOCH
Gus barrachd fiosrachaidh fhaighinn, cuiribh fios gu Lorna Inglis aig Taigh nam Meadhanan air 0141 220 6040 / lorna@mediahouse.co.uk no gu Caitrìona NicIain aig MNE Media air 0141 223 9059 / kathryn@mnemedia.tv
Fiosrachadh do Luchd-deasachaidh:
Tha Farpaisean Chon-chaorach ga riochdachadh airson BBC ALBA le MNE Media, aonan de na companaidhean-riochdachaidh neo-eisimeileach as motha air thoiseach ann an Alba. (Airson barrachd fiosrachaidh, faicibh www.mnemedia.tv)
Gheibhear BBC ALBA air sianal 168 aig Sky agus air sianal 110 aig Freesat. (Airson barrachd fiosrachaidh, faicibh www.bbcalba.co.uk)
Thathar an dùil nach fhada gus am faighear BBC ALBA air càball. An crochadh air ath-bhreithneachadh le Urras a’ BhBC, gheibhear BBC ALBA air Freeview an dèidh fàs digiteach ann an 2010.
Airson barrachd fiosrachaidh mu chothrom fhaighinn air BBC ALBA nach tadhail sibh air an làrach-lìn againn. www.mgalba.com.
Tha MG ALBA agus am BBC air compàirteachas a stèidheachadh gus telebhisean, radio agus seirbheisean air-loidhne digiteach a thoirt seachad ann an Gàidhlig. Tha seirbheis BhBC ALBA a’ craoladh fo chead aig a’ BhBC. Airson barrachd fiosrachaidh mun dòigh sa bheil an com-pàirteachas ag obair, rachaibh gu www.mgalba.com
Is e MG ALBA an t-ainm fo am bi Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, a th' air a maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba is air a riaghladh le Ofcom, ag obair. Tha MG ALBA na ghiorrachadh air Meadhanan Gàidhlig Alba.