7 Samhain 2008
CRAOLADH MAR BEÒ DEN GHÈAM SPL EADAR DÙN DÈAGH AONAICHTE IS OBAR DHEATHAIN AIR BBC ALBA
Gheibh luchd-leantainn ball-coise air Taobh Tatha agus san Ear Thuath an cothrom a-màireach (Disathairne 8 Samhain) an gèam SPL eadar Dùn Dèagh Aonaichte is Obar Dheathain fhaicinn ‘mar-beò’ air an t-sianal ùr teleibhisein, BBC ALBA.
Tha BBC ALBA a’ tabhann sàr phasgan spòrs ann an co-cheangal ri MNE Media airson aon ghèam ann am Prìomh Lìog Banca Clydesdale a shealltainn a h-uile oidhche Shathairne, air BBC ALBA thairis air an ath dhà sheusan.
Bidh prògram an latha a-màireach a’ tòiseachadh aig 8f agus bidh agallamh shònraichte ann leis an adhartaiche bogsaidh, Tommy Gilmour a thuilleadh air stiùireadh timcheall baile Dhùn Dèagh dha neach-leantainn ball-coise.
Thuirt Alan Esslemont, Ceannard Phrògraman aig BBC ALBA: “’S e pasgan spòrs fìor mhath a tha seo dha luchd-leantainn ball-coise air Taobh Tatha agus san Ear Thuath oir gheibh iad cothrom gèam iomlan na sgioba as fheàrr leotha fhaicinn ‘mar-beò’ air oidhche Shathairne, bhon dachaigh fhèin no bhon taigh-sheinnse aca. Tha sinn air leth toilichte gun urrainn dhuinn pasgan ball-coise is spòrs cho taitneach a chraoladh de aon ghèam SPL gach Disathairne.”
Thèid gèam an latha a-màireach a chraoladh ‘mar-beò’ air BBC ALBA bho 8f – 10f agus chithear e air sianal 168 Sky agus air sianal 110 Freesat.
‘S i seirbheis compàirteachaidh, eadar MG ALBA agus BBC Alba a lìbhrigeas prògraman sònraichte de shàr chàileachd bhon dùthaich seo fhèin, a th’ ann am BBC ALBA
Airson fiosrachadh a bharrachd cuiribh fios gu Ramsay Mac a’ Ghobhainn no Lorna Inglis aig Media House air 0141 220 6040 no post-d gu: ramsay@mediahouse.co.uk / lorna@mediahouse.co.uk
Fios do luchd-deasachaidh:
Dh’fhoillsich BBC ALBA fiosrachadh luchd-amhairc an-diugh airson a’ chiad turais a-riamh. ’S urrainnear na toraidhean a leughadh aig www.bbc.co.uk/pressoffice
’S e seirbheis ùr dhidseatach Ghàidhlig a tha ann am BBC ALBA a chuireadh air bhog 19 an t-Sultain agus a tha na co-bhann eadar MG ALBA agus am BBC.
Gheibhear e air sianal 168 Sky agus air Freesat sianal 110. Thathas an dùil gum bi BBC ALBA ri fhaighinn air càball ann an ceann ùine. An urra ri sgrùdadh le Urras a’ BhBC, bidh BBC ALBA ri fhaighinn air Freeview nuair a thèid atharrachadh gu seirbheis didseatach ann an 2010. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu ruigsinneachd BBC ALBA rachaibh gu ar làrach-lìn: www.bbcalba.co.uk.
Tha MG ALBA agus am BBC air co-bhann a stèidheachadh airson seirbheisean telebhisein didseatach, rèidio agus air-loidhne a lìbhrigeadh sa Ghàidhlig. Bithear a’ craoladh seirbheis BBC ALBA fo chead BBC. Gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu obair a’ chom-pàirteachais rachaibh gu www.mgalba.com.
‘S e MG ALBA ainm obrach Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, a tha maoinichte le Riaghaltas na h-Alba agus fo riaghladh Ofcom. Tha an t-ainm MG ALBA a’ seasamh airson Meadhanan Gàidhlig Alba.