MADAME ECOSSE ON BBC ALBA
Monday 13 April, 9pm, BBC ALBA
“Stop the world, Scotland wants to get on” - sin na briathran a bh’aig Winnie Ewing air an 2mh den t-Samhainn 1967 nuair a bhuannaich i ann am fo-thaghadh eachdraidheal as leth Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ann am baile Hamilton. Spìon i leatha tè dhe na roinnean-taghaidh a bu shàbhailte a bh’ aig na Làbaraich ann an Alba, agus dh’atharraich i gu tur cruth poileataigeach na tìre. Tharraing i Nàiseantaich Alba bhon iomall gu deis-mheadhain na deasbaid, agus chuir i às don chruth dà-phàrtaidh a bh’ air an dùthaich.. Bha na briathran aice lèirsinneach, ‘s cha b’ ann a-mhàin do dh’Alba. Mar bhoireannach ann am poileataigs Albannach, bha i a’ sireadh dòigh r air nithean a choileanadh.
Winnie Ewing
‘S i nise gus a bhith 80 bliadhna a dh’aois, chan eil mùthchadh air a driùdhteachd agus tha i cho geur ‘s a bha i riamh. Le iomraidhean is beachdan bho Alex Salmond, Ian Paisley, Tam Dalyell, Mìcheal Russell is Brian MacUilleam, Aonghas Brianan MacNèill, Alasdair Ailean agus Fergus Ewing, tha a’ fiolm a’ toirt cùnntas air a beatha ‘s a h-obair a tha an dà chuid dlùth agus cruaidh. Tha am film cuideachd a’ toirt iomradh air àm anns an do dh’atharraich beatha Winnie agus an dùthaich aice gu tur.
Tha i air 50 bliadhna dhe beatha a chur seachad ann an trì Pàrlamaidean – Westminster, san Roinn Eòrpa far an do choisinn i am far-ainm Madame Ecosse, agus Pàrlamaid na h-Alba. Am beachd chuid,‘s e bana-ghaisgeach Nàiseantach a tha ann a Winnie; tha gràdh aig cuid oirre agus gràinn aig cuid eile. Ach ciamar a dh’èirich an tè-lagh seo gu ìnbhe cho uasal ann am poileataigs na h-Alba,‘s gu bheil sinn fhathast mothachail air a bhuaidh a’ choisinn i ann an Hamilton.
Producer Morag Stewart with Rev Ian Paisley
Aig cridhe a’ phrògram aithriseach seo, tha còmhraidhean le Winnie fhèin, agus còmhla ris a sin tha dealbhan-bhideo a chaidh a thogail ro thaghadh Hamilton agus dealbhan teaghlaich nach fhaca am pobull riamh ron a seo.
Riochdaichte le madmac airson BBC ALBA, chaidh Madame Ecosse a riochdachadh le Mòrag Stiùbhart agus Iseabail NicÌomhair, agus a stiùireadh le Iseabail NicÌomhair.
Crìoch
Airson barrachd fiosrachaidh cuiribh brath gu Lorna Inglis aig Media House air 0141 220 6040 no post-d gu lorna@mediahouse.co.uk
Nota do luchd-deasachaidh:
Gheibhear BBC ALBA air Sky sianal 168 agus air Freesat sianal 110. Airson barrachd fiosrachaidh faicibh www.bbcalba.co.uk
Tha MG ALBA a' ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a BhBC. 'Se MG ALBA an t-ainm obrachaidh aig Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig. Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh mu MG ALBA agus mun cho-bhanntachd aig www.mgalba.com