Cuir do bheachdan gu Urras a’ BhBC.
Tha Urras a’ BhBC a’ cumail co-chomhairle phoblach mar phàirt den ath-sgrùdadh a tha e a’ dèanamh air BBC ALBA. Tha a’ cho-chomhairle seo a’ ruith gu 18 Faoilleach 2010. Leugh mu Urras a’ BhBC agus mun cho-chomhairle aig www.bbc.co.uk/bbctrust.
Bidh an t-Urras a’ tighinn gu co-dhùnadh air ceistean cudromach mu dheidhinn BBC ALBA – nam measg tha ceist an tèid BBC ALBA a chraoladh air Freeview. Tha e air leth cudromach gun cuir daoine am beachdan gu Urras a’ BhBC, gu h-àraid ma tha iad ag iarraidh BBC ALBA air Freeview.
A’ gleidheadh àite airson BBC ALBA air Freeview
Tha BBC ALBA ri fhaighinn an-dràsta air Sky 168 agus Freesat 110, agus air-loidhne aig www.bbcalba.co.uk. Chan eil e fhathast ri fhaighinn air Càball no Freeview.
Is e ath-sgrùdadh Urras a’ BhBC ar cothrom àite a ghleidheadh airson BBC ALBA air Freeview.
Is e Freeview an dòigh sam faigh a’ chuid as motha de dhaoine ann an Alba telebhisean didseatach. Ma tha BBC ALBA air Freeview, gheibh a h-uile duine cothrom an sianal fhaicinn.
Prògraman BBC ALBA airson a h-uile duine
Tha prògraman air BBC ALBA airson luchd na Gàidhlig agus airson mòr-shluagh na h-Alba. Bidh mu 220,000 neach-amhairc a’ coimhead air an t-sianal a h-uile seachdain. Tha rannsachadh a’ sealltainn gu bheil naidheachdan, ceòl agus prògraman cur-seachad a’ còrdadh ri luchd na Gàidhlig, agus gu bheil spòrs, ceòl agus prògraman aithris a’ còrdadh ris a’ mhòr-shluagh. Am measg nam prògraman a chaidh a chraoladh sa chiad bhliadhna den t-sianal bha ball-coise SFL agus SPL, tachartasan ciùil mar Na Trads agus Fèis Cheilteach Innse Ghall, prògram beò Oidhche Challainn, agus prògraman aithris aig àrd ìre.
Dè am fiosrachadh a tha Urras a’ BhBC a’ sireadh?
Ma tha thu air BBC ALBA fhaicinn, tha Urras a’ BhBC a’ sireadh do bheachdan air an t-sianal. Tha do bheachdan cudromach, oir feumaidh an t-Urras tighinn gu co-dhùnadh mu cho math ’s a tha BBC ALBA a’ coilionadh amasan a chead-chraolaidh.
Mar sin, ma tha BBC ALBA a’ còrdadh riut, leig fios don Urras!
Ma tha thu ag iarraidh BBC ALBA air Freeview, tha Urras a’ BhBC a’ sireadh do bheachdan air a’ mholadh a th’ ann airson seo a dhèanamh. A-rithist, tha do bheachdan cudromach, oir is ann tron cho-chomhairle phoblaich a gheibh an t-Urras fianais mus tig iad gu co-dhùnadh air BBC ALBA.
Dè nì thu?
Faodaidh tu sgrìobhadh gu Urras a’ BhBC tron phost no le post-d, no faodaidh tu ceisteachan a lìonadh air-loidhne. Gheibhear mion-fhiosrachadh aig www.bbc.co.uk/bbctrust.
Cuimhnich, ma tha thu ag iarraidh BBC ALBA air Freeview, is e seo an cothrom do bheachdan a chur an cèill. Cuir do bheachdan a-steach ro 18 Faoilleach 2010.
Tha MG ALBA daonnan deònach beachdan no ceistean a chluinntinn. Faodaidh tu fios a chur thugainn aig fios@mgalba.com no le bhith a’ cur fòn gu 01851 705550.