BBC ALBA a’ comharrachadh 15 bliadhna den fhèis le dà phrògram à Fèis Cheilteach Innse Ghall
Is ann air BBC ALBA a-mhàin a chithear prògraman Fèis Cheilteach Innse Ghall 2010, a bhios a’ gabhail àite ann an Steòrnabhagh bho 14 gu 17 Iuchar 2010. Is e seo an dàrna bliadhna a tha an t-seanail a’ craoladh ceòl na fèise, agus bi dà phrògram sònraichte gan craoladh sa mhìos seo.

Tha figearan airson reic thiocaidean a’ sealltainn gum bi barrachd dhaoine aig an fhèis am bliadhna – an 15mh bliadhna den fhèis – na bha riamh ann roimhe, agus tha a h-uile tiocaid airson oidhche Shathairne air a reic mar-thà.
Bidh gach prògram a’ mairsinn fad uair a thìde, le Niall Iain Dòmhnallach a’ toirt don luchd-amhairc ceòl à diofar àiteachan, eadar a’ phrìomh àrd-ùrlar, An Lanntair agus Caisteal Leòdhais. Bidh na prògraman seo air BBC ALBA air Disathairne 17 agus Disathairne 24 Iuchar 2010 aig 9f.
Tha BBC ALBA ri fhaighinn air Sky 168 agus Freesat 110. Bìdh an dà phrògram gan ath chraoladh a-rithist air Dihaoine 23 Iuchar aig 10.10f agus Dihaoine 30 Iuchar aig 10f, agus bidh iad air iPlayer a’ BhBC.
Bidh agallamhan ann le Julie Fowlis, a bhios a’ seinn Dihaoine, agus ceòl leis an Afro Celt Sound System, a tha a’ measgachadh dùthchas Èireann agus Afraga. Cuideachd bidh measgachadh eadar punk is folk le Adrian Edmondson & the Bad Shepherds, agus ceòl dannsa leis an Treacherous Orchestra.
Thuirt Màiread Màiri Mhoireach, Ceannard Seirbheis BBC ALBA: “Tha sinn air ar dòigh gum bi dà phrògram air leth a’ tighinn às an Fhèis am bliadhna, a’ taisbeanadh tàlant Albannach agus eadar-nàiseanta aig tachartas a tha a’ tàladh luchd-tadhail bho na Stàitean, Canada agus Astràilia. Agus sa 15mh bliadhna den fhèis, tha sinn toilichte gum faigh luchd-amhairc nas fharsainge cothrom an ceòl seo a chluinntinn tro na prògraman againn.”
Thuirt Murchadh MacIllinnein, Cathraiche Fèis Cheilteach Innse Ghall: “Is e clach-mìle cudromach a th’ ann dhuinn gu bheil sinn a’ comharrachadh 15 bliadhna den fhèis. Tha sinn toilichte gum bi luchd-amhairc BBC ALBA còmhla rinn airson nan tachartasan sònraichte a bhios againn am bliadhna.”
Airson barrachd mun Fhèis, faic www.hebceltfest.com.