CUIDE RI CATHY – AILEEN MCGLYNN
Diluain 9mh Màrt, 10f, BBC ALBA
AG IONNSACHADH AIR ROTHAR LE CUIBHLICHEAN PLASTAIG, AILEEN MCGLYNN, TÈ SPÒRS NA BLIADHNA A’ TAISBEANADH A SGILEAN AIR
BBC ALBA
Tha “barrachd ri tighinn” a rèir Aileen McGlynn MBE agus OBE, a tha a’ cur roimhpe farpaisean rothair Olympics agus Paralympics Lunnainn ann an 2012 agus Geamaichean a’ Cho-fhlaitheas ann an Glaschu an 2014.
Is e urram mòr a bhiodh ann airson Aileen, a rugadh ann an Glaschu, a bhith an sàs ann am farpais na dùthaich fhèin, agus tha i airson na rèisean aice a dhèanamh ann an ùine fiù ’s nas fheàrr na rinn i roimhe.
Bidh Aileen, a tha air trì buinn òir Paralympic a choisinn, a’ bruidhinn ri Cathy NicDhòmhnaill sa phrògram as ùire san t-sreath Cuide ri Cathy air BBC ALBA.
Bidh na camarathan a’ leantainn Aileen ’s i a’ dèanamh deiseil airson cuirm nan duaisean Tè Spòrs na Bliadhna 2008 aig an Evening Times – rud a tha nas eagalaiche na deasachadh airson rèis, ’s a casan a’ fàs cugallach lag. Ach tha Aileen ag innse dhuinn gun robh i fhèin ciùin is proifeiseanta aig na h-Olympics ann an Athens ged a bha duilgheadasan aig a com-pàirtiche tandem, Ellen Hunter, nuair a chaidh a h-èideadh a reubadh as a chèile dìreach beagan mionaidean ro thoiseach na rèise aca.
Bha Aileen dèidheil air rothairean bho bha i glè òg, ag ionnsachadh air rothar le cuibhlichean plastaig a bh’ aig a piuthair, agus a’ faighinn iasad air “rothar ceart” bho a nàbaidh gus an robh airgead gu leòr airson fear a cheannach dhi fhèin.
Bha Aileen cho dìorrasach gun soirbheachadh leatha ann an saoghail nan rèisean rothair nach do dh’aidich i nach robh a fradharc math nuair a ghabh i ballrachd sa comann ionadail aice air eagal ’s gum biodh na buill eile a’ cur bacadh oirre.
Bidh Aileen cuideachd a’ bruidhinn mun àm a rinn i deuchainn airson sgioba Bhreatainn ann an 2001, nuair a chuir i iongnadh air an luchd-trèanaidh aig Velodrome Manchester, oir cha b’ ann dìreach gun d’fhuair i àite san sgioba ach gun do chlàraich i tìde ùr airson an 200m “air iteag” san dol seachad.
Tha Aileen McGlynn den bharail gu bheil na bacaidhean a bha san rathad oirre air toirt oirre a bhith nas dìorrasaiche sna h-oidhirpean aice agus nas fheàrr mar neach spòrs.
Thèid CUIDE RI CATHY a chraoladh air BBC ALBA Diluain 9 Màrt aig 22.00, air Sky 168 & Freesat 110.