AIR AN RATHAD A-RITHIST AIR ALBA
Diardaoin 21 Dàmhair 2010 aig 10f air BBC ALBA
Tha Air an Rathad air ais air BBC ALBA san Dàmhair - le pàirt ùr dhen phrògram – Rèisean Craicte! Tha an ceathrar phreasaintearan - Calum Iain MacCoinnich, Louise Nic 'IllEathain, Murray MacLeòid agus Fiona NicChoinnich - a' gabhail pàirt ann an sreath de dhùbhlain dràibhidh, le Cuach Air an Rathad a' dol chun an duine a bhuannaicheas aig a' cheann thall.

Sgioba Air an Rathad (cli gu ceart) – Murray MacLeòid, Fiona NicChoinnich, Calum Iain MacCoinnich, Louise Nic 'IllEathain
Tha na caileagan a' sireadh an astair le Fiona a' gabhail na cuibhle ann am Ferrari, agus Louise a' faighinn blasad de F1 aig Knockhill. Bidh Calum Iain a' rèiseadh ann an ralaidh ann an Earra-Ghàidheal, ach an dèan e an gnothach? Agus tha Murray a' sireadh nam bargan - dè dìreach an càr as saoire air a' mhargaidh?

Fiona Nic Choinnich air cùlaibh cuibhle Ferrari
Bithear a' dèanamh sgrùdadh air càraichean leithid an Jaguar XJ ùr, am Peugeot RCZ agus am BMW 5, le karting, bhanaichean campachaidh agus rèisean 'drag' a' farsaingeachd dhan t-sreath.
Tha ochd prògraman anns an t-sreath, a chaidh a riochdachadh le Eyeline media airson BBC ALBA. Chithear Air an Rathad bho Dhiardaoin 21 Dàmhair aig 10f agus gach Diardaoin as dèidh sin.
Air an Rathad - tha e gu tur mu càraichean!