AIR AN RATHAD: SREATH CEITHER
THA AIR AN RATHAD AIR AIS!
‘Air an Rathad ’ - ’s ann mu na càraichean a tha e! Tha Fiona NicChoinnich, Murray MacLeòid agus Calum Iain MacCoinnich air ais le sreath ùr de phrògram nan càraichean.

Bidh a h-uile lùb agus tionndadh ris am biodh dùil agad ‘Air an Rathad’, agus a - measg na h-aoighean tha na sàr - sgilean draibhidh aig Pòl Swift, sgilean sònraichte ‘rollover’ Roy MacIllinnein, agus sgilean railidh Dàibhidh Bogie agus Donaidh Caimbeul.
Bidh càraichean mar am Porsche 911 Carrera 4S, an Seat Leon Cupra R, am Ford Focus RS 500 agus an Toyota IQ beag bìodach a’ nochdadh cuideachd.
Tha gu leòr charbaidean làidir ann le Murray a’ toirt beachd air an Isuzu Rodeo Pickup. Bidh e air bòrd ‘Super Truck’ aig cuaraidh ann an Earra-Ghàidheal , agus gheibh Fiona a’ chiad leasan aice air cùl cuibhle làraidh mhòr ann an Earroil, faisg air Peairt.
Tha Calum Iain a’ gabhail pàirt ann an Railidh Obar Dheathain far a bheil e a’ dràibheadh am Mitsubishi Evo ùr aige; agus bidh sinn ‘ Air an Rathad ’ aig an railidh teàrr as motha ann an Alba, Railidh Jim Clark, anns na Crìochan.
Agus chan fhaod sinn dìochuimhneachadh na Rèisean Craicte! Bidh barrachd spòrs againn agus Fiona, Calum Iain is Murray a’ strì airson duais chliùiteach, Cuach nan Wacky Races.
Suidh an àrda agus dèan deiseil tha ‘Air an Rathad’ air ais – Diardaoin aig 10.00f air BBC ALBA.