30 Dàmhair 2009
BBC ALBA AIR AN RATHAD LE AON DE NA PRÌOMH DRAIBHEARAN RALAIDH ALBANNACH
AIR AN RATHAD AIR AIS AIR BBC ALBA
Diciadain 4 Samhain, 10f, BBC ALBA
Am Foghar seo, thàinig Calum Iain MacCoinnich air bòrd mar pàirt den Sgioba Air an Rathad airson sreath ùr air BBC ALBA.
‘ S ann an Uig, Leodhais a tha Calum ged a tha e a nis a’ fuireach ann an Siorrachd Obair Dheathain agus bha e anns a chaid sreath den phrògram a’toirt comhairle mar meacanaig. Airson an dàrna sreath bith Calum aig Fèis Goodwood, a’ toirt siùil agus beachd air càraichean ùra agus a’ feuchainn rèis cart ann an Chàrn Ghuirm.
A bruidhinn mar am pàirt ùr aige thuirt Calum “’Bha e uabhasach math coinneachadh ri Kris Meeke a tha an dràsda air Farpais IRC (Dùbhlan Ralaidh Eadar-Nàiseanta) buannachadh – tha e mar Gaisgeach dhomhsa. Bha tubaist agam ann an Ralaidh Hebrides agus cha be sin a bha mi sùileachadh idir”.
Tha Calum Iain còmhla ri Fiona Nic Choinnich, Moireach MacLèoid agus Louise Nic Ill Eathainn ann an sreath ùr Air an Rathad a bhios a’ tòiseachadh air 4mh Samhain aig 10f air BBC ALBA.
Chaidh Air an Rathad a’ riochdachadh le Eyeline Media airson BBC ALBA.