15 Dàmhair
CUIDE RI CATHY – ALLAN STEWART
Diluain 19 Dàmhair, 10f, BBC ALBA
Anns an ath phrògram ann an sreath Cuide ri Cathy, bith an t-Albannach ainmeil Ailean Stiùbhart ann an còmhradh le Cathy ‘s e ag innis mu dheidhinn cho faisg ‘sa bha e ceangal a dhèanamh leis na Beatles.
Anns a’ phrògram, tha Ailean agus Cathy a’ tadhal air seann taigh-theaghlach aige agus a bhun-sgoile far an d’fhuair e blas airson a bhith air an àrd-ùrlar.
Allan Stewart agus Cathy aig na Barrowlands an Glaschu
Cuideachd tha Ailean ag innis do Cathy gur e am program ‘Big Royal Show’ ann an 1996 an telebhisean as fhèarr a rinn e riamh.
Anns an sgoil, bha Ailean ag ionnsachadh bho Eardsaidh Mac a’ Phearsain, fear ainmeil ann an spòrs na h-Alba agus tha iad air coinneachadh tric bhon uair sin.
Air ais anns na Barrowlands le Cathy, tha Ailean a’ cuimhneachadh air an h-athair agus cho taiceil sa bha e do Ailean agus an comhairle a fhuair e mu dheidhinn obair ceart fhaighinn!
‘ Se ‘Baby Face’ an òran as motha a bh’aig Ailean Stiùbhart agus as dèidh 45 bliadhna tha e fhathast a seinn seach gu bheil e a’ cluich Al Jolson air an àrd-ùrlar a tha a ‘dol mun chuairt an Rìoghachd Aonaichte
Cuide ri Cathy air BBC ALBA air Diluain 19mh Dàmhair aig 22.00. Gheibhear BBC ALBA air Sky sianal 168 agus air Freesat sianal 110 agus air BBC iplayer.
Thèid CUIDE RI CATHY a chraoladh air BBC ALBA Diluain 19 Dàmhair aig 22.00, air Sky 168 & Freesat 110 agus beò air BBC iPlayer.