AONGHAS PADRAIG CAIMBEUL - MEAS AIR CHRANNAIBH
Diardaoin 21 Dàmhair 2010 aig 9f air BBC ALBA
Tha mòran eòlach air Aonghas Pàdraig Caimbeul, neo, mar as aithne don mhòr chuid e, Aonghas Phàdraig. Ann an còmhradh leis an Athair Cailean MacAonghais, gheibhear cothrom eòlas a chur air an duine ioma-tàlantach seo le sùil onarach air a bheatha mar bhàrd a choisinn iomadh duais, sgrìobhadair, neach-naidheachd, craoladair agus actair, agus air an duine fhèin na bheatha phearsanta.

A’ tòiseachadh le beatha Aonghas Phàdraig ann an Uibhist a Deas, chithear ciamar a chaidh e bho bhith na neach-naidheachd shoirbheachail ag obair do Thbh Grampian gus an d’fhuair deoch-làidir greim air. Chì sinn ciamar a thàinig e air ais bhon sin gus aithne fhaighinn mar sgrìobhadair, actair agus bàrd agus an duine air a bheileas uile eòlach an-diugh.
Anns a’ phrògram tha criomagan dràma à nobhail Aonghais Phàdraig, Tilleadh Dhachaigh, a chaidh fhoillseachadh ann an 2009, ag innse sgeul taibhse on chiad chogadh a tha a’ tilleadh dhachaigh às an t-Somme, agus an taibhse seo, mar shamhla air a’ Ghàidhlig, a’ faighinn cothrom ùr a bhith a’ tighinn beò.
Le cleas bho Mhàiri Anna NicUalraig, Micheal Marra, Cathy Dhòmhnallach agus AL Cheanadach, ‘se cothrom air leth a tha seo do luchd-leantainn sgrìobhadh Gàidhlig agus feuch gum bi sibh a’ coimhead!
.
Choisinn Aonghas Phàdraig duais BAFTA Alba ann an 2007 airson a bhith ainmichte mar An Actair as Fheàrr airson a phàirt anns an fhilm Ghàidhlig, Seachd. Fhuair Seachd a’ phrìomh thaisbeanadh air BBC ALBA ann an 2008.