ARCHIBALD HALL - AN UAISLEAN : THE PERFECT GENTLEMAN
BBC ALBA – Diciadain 26 Faoilleach aig 9f
Bi deiseil airson dorchadas agus dubhachas nuair a thèid sgeulachd Archibald Hall, fear de na murtairean as ainmeil agus annasaiche à Alba innse air BBC ALBA. Riochdaichte le STV, ‘se seo a’ chiad phrògram ann an sreath mu mhurtairean Albannach. Chithear Gary Lewis, actair Albannach a th’air cliù a chosnadh dha fhèin ann an iomadach prògram, a’ toirt dhuinn an sgeulachd dhorcha seo mu Hall, a’ mhòr chuid na fhacail fhèin.
Fon tiotal “A Perfect Gentleman”, sgrìobh Hall, a bhàsaich sa phrìosan ann an 2002, leabhar fèin-eachdraidheil mu bheatha – ag innse ciamar a chaidh e bho bhith na mhèirleach gu buidleir chun nan uaislean mus d’thug gionachd thairis a bheatha gus mu dheireadh thall a thoirt gu murt – murt a chunnaic còignear a’ call am beatha ann an sgrios a thug ach beagan mhìosan.
Chithear agallamhan le neach-lagh Hall, am poileas a chuir fo ghreim e agus criomagan iargalta bhon duine fhèin.
Archibald Hall – An Uaislean : The Perfect Gentleman air BBC ALBA air Diciadain 26 Faoilleach aig 9f, le ath-chraoladh air Diardaoin 27 Faoilleach aig 10f.