CLEASAICHE AINMEIL BILLY BOYD – CUIDE RI CATHY
CUIDE RI CATHY – BILLY BOYD
Diluain 28 Sultain aig 10f air BBC ALBA
Anns an dàrna program ann an sreath ùr Cuide ri Cathy air BBC ALBA, tha Cathy a cuir seachad là còmhla ri Billy Boyd, cleasaiche ainmeil, ann an Glaschu. Anns a program chìthear Cathy agus Billy Boyd a’ tadhal air àiteachean mar Gaileiridh Kelvingrove agus cuideachd Billy Boyd a’ cluich anns a chòmhlan aige air a bheil an ainm “Beecake”.

Anns a’ phrògram tha Billy Boyd a’ còmhradh mu dheidhinn a bheatha agus de thug air a bhith na chleasaiche agus cho cudthromach sa bha dha am pàirt fhaighinn anns an fhilm “Lord of the Rings”.
Tha Billy ag innis do Cathy ciamar, as dèidh turas sìos gu Lunnainn far an robh aige ri bhideo a chlàradh agus coinneachadh ri Peter Jackson, Stiùiriche film ainmeil, chaidh innis dha gu robh e soirbheachail am pàirt fhaighinn. ‘ S ann nuair a bha Billy air bus eadar Glaschu agus Dùn Èideann far an robh e ag obair ann an drama-chluich aig an àm, a fhuair e mach mu dheidhinn agus mar a bha e a’ feuchainn an naidheachd cumail dìomhair.
Air an turas don Ghailearaidh Kelvingrove, tha e follaiseach de cho ainmeil sa tha Billy Boyd se air chuairteachadh le clann-sgoile a tha air turas don togalach, ‘s iad uile a lorg ainm-sgrìobhte aige
Tha Billy Boyd cuideachd ag innis do Cathy mar a tha e a’ cosg ùine eadar Los Angeles agus Glaschu agus cho toilichte a tha e cothrom fhaighinn thighinn dhachaidh do dh’Alba. Is e filmichean mar Gregory’s Girl agus Local Hero a thug buaidh mòr air Billy Boyd agus tha e ag innis do Cathy gu bheil e an dòchas aon latha gum bith an cothrom aige a bhith mar prìomh chleasaiche ann an film mòr Albannach.
Chìthear Cuide ri Cathy air BBC ALBA air Diluain 29mh Sultain aig 22.00. Gheibhear BBC ALBA air Sky sianal 168 no air Freesat sianal 110.