'ENCHANTING TALE OF EMIGRATION FROM BENBECULA TO THE FAR WEST AND BACK'
Bothan air a’ Phrèiridh air BBC ALBA, 25mh Dùbhlachd aig 9f
Bheir dithis charaid turas gu prèiridh Chanada gu cridhe sgaradh teaghlaich an duine.
Bheir Iain Mac a' Phearsain a charaid Eòghann MacAoidh air chuairt dhachaigh thar astar is ùine gu prèiridh Chanada: gu falamhachd is fàs aig cridhe nan sgaraidhean is nan sgeulachdan teaghlaich aig an dithis aca.

Am bothan air a’ Phrèiridh le Eòghann MacAoidh agus Iain Mac a' Phearsain
A' tòiseachadh ann an Slèite, bheir iad cuairt air Beinn nam Faghla mus gabh iad a-mach dhan iar: gu dùthaich bhuan an arbhair is nan rodeo air lorgan màthair Eòghainn, Bealag a rugadh thall is a thill a-nall, is a h-athair Seonaidh Paterson, an Cowboy Gaidhealach fhèin.
Chaidh am brath naidheachd seo a’ sgaoileadh sa Bheurla. Airson a leughadh sa Bheurla brùth an seo