BREAB AIR A THOIRT DO BhBC ALBA!
Tha Breab, a bh’ air a’ gheàrr-liosta aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach na bliadhna seo airson duais sa ghnè Daoine Òga, air ais airson an ceathramh sreath agus a’ toirt sealladh inntinneach air beatha shianar dheugairean bho air feadh na Gàidhealtachd aig a bheil a’ Ghàidhlig.
Gheibhear tuigse agus sùil air am beatha nuair a thig iad còmhla airson cola-deug le diofar dhùbhlain air an cuir romhpa ach le gu leòr fealla-dhà aca cuideachd!

Annemarie, Daniel, Catriona, Carwyn, Gordon agus Katie
San t-sreath seo, am measg nithean eile chithear iad a’ feuchainn air go-karts, a’ fàs teth sa chidsin, ag obair mar luchd-smàlaidh fad là agus a’ cur seachad ùine air seata River City. A’ toirt an t-sreath gu crìch chithear na Breabsters air fad a’ dèanamh air Peairt gus bungee drop fheuchainn. Ach an dùil an leum a h-uile duine?
A’ gabhail pàirt bidh Katie (17) bhon Eilean Sgitheanach, Annemarie (16) à Barraigh, Catriona (17) à Inbhir Nis, Carwyn (16) à Obair Dheathain, Gordon (16) à Leòdhas agus Daniel (15) à Malaig.
’S i a’ Ghàidhlig an rud a tha gan ceangal ri chèile. Le diofar ìrean de dh’fhileantachd, gheibh luchd-ionnsachaidh agus fileantaich òga misneachd ann a bhith a’ cleachdadh a’ chànain oir tha Breab a’ riochdachadh dheugairean a tha a’ fàs suas an dà chuid air an tuath agus ann am bailtean far a bheil a’ Ghàidhlig air a teagasg san sgoil no air a bruidhinn san dachaigh.
Chithear Breab, a chaidh a riochdachadh le BBC Gàidhlig airson BBC ALBA, gach seachdain airson sia seachdainean, a’ tòiseachadh air Diciadain 31 Lùnastal aig 6.05f.