30 Dàmhair 2009
CHRISTOPHER BROOKMYRE CUIDE RI CATHY
Diluain 2 Samhain, 10f air BBC ALBA
Ged nach eil ìomhaigh mhòr poblach aige, tha Christopher Brookmyre mar sàr sgrìobhadair Albannach agus bith e còmhla ri Cathy NicDohòmhnaill anns an ath phrògram ann an sreath ‘Cuide ri Cathy’ air BBC ALBA.
Tha an leabhar ùr aig Christopher Brookmyre (41) agus a rugadh ann an Glaschu, air ùr fhoillseachadh agus ‘s e seo an treas leabhar deug aige
Anns a phrògram le Cathy, tha iad air bruaichean an abhainn Chluaidh far a bheil e faighinn tòrr misneachd airson sgeulachdan aige.
Thòisich Christopher Broomkyre a’ sgrìobhadh aig aois seachd bliadhna agus bha buaidh mòr air filmichean mar Jaws agus James Bond air.
Mar pàirt den phrògram, chìthear Christopher Brookmyre a’ toirt seachad òraid ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba agus e ag innis do luchd-èisdeachd mun an àm mu dheireadh aige ann an leabharlann agus na thachair dha.
Ged a tha tòrr anns na leabhraichean aige mu dheidhinn eucoir tha luchd-leughaidh aig Christopher Brookmyre a tighinn a gach ceàrn.
Chìthear Cuide ri Cathy air BBC ALBA air Diluain 2 Samhain aig 22.00