Cuide ri Cathy - Cardinal Keith O'Brien
Diluain 13mh Giblean @ 10f air BBC ALBA
Tha Cardinal Keith O’Brien, a tha os-cionn na h-Eaglais Caitligich ann an Alba, a’ toirt sùil air an obair agus a bheatha san ath phrògram ann an sreath Cuide ri Cathy air BBC ALBA.
Anns a’ phrògram tha Cardinal O’Brien ag innis gun robh e riamh airson a bhith na shagart ach gun deach a dhiùltadh dà thuras. ’S e trioblaidean monmhair-cridhe a chuir stad air.
Tro bheatha anns an Eaglais, tha beachdan làidir connspaideach air a bhith aig Cardinal O’Brien agus chìthear e ann an coinneamh le Iain Gray, a tha os-cionn a’ phàrtaidh Làbarach ann an Alba.
A rèir Cardinal O’Brien tha feum aig a’ phoball air neach-labhairt air cuspairean mar rannsachadh embryo agus beatha theaghlaich. Tha Cardinal O’Brien cuideachd ag innis mu dheidhinn na bh’ aige ri dhèanamh co-cheangailte leis a bhith a’ taghadh a’ Phàpa ùr aig coinneamh nan Cardinal ann an 2005.
Tha e ag aideachadh gur e prògraman naidheachdan a bhios e coimhead nuair a bhios cothrom aige fois fhaighinn bhon obair làitheil aige, ach gum biodh e deònach rudeigin mar Ready Steady Cook no Dancing on Ice fheuchainn cuideachd!
Thèid Cuide ri Cathy a sgaoileadh air BBC ALBA air Diluain 10mh Giblean aig 22.00.