23 Òg Mhios 2009
CUAIRT-DEIREANNACH CUPA CAMANACHD COMANN CEILTEACH GLASCHU BEÒ AIR BBC ALBA
Thèid Cuairt-Deireannach Cupa Camanachd Comann Cheilteach Glaschu air Disathairne 27mh Òg Mhios fhaicinn beò air BBC ALBA.
‘S e Cup Comann Ceilteach Glaschu aon de na prìomh geamannan camanachd agus thèid an geam, eadar sgioba Camanachd an Obain agus sgioba Camanachd Inbhir Aora, air adhart ann an Old Anniesland, Glaschu a’ tòiseachadh aig 4f air BBC ALBA.
Tha an fharpais air a bhith dol airson ceud ‘sa chòig bliadhna agus tha an dà sgioba air coinneachadh trì turas roimhe le Inbhir Aora buannachadh a h-uile turas. ‘S ann aig Inbhir Aora tha an cupa an drasda.
Aig àm leth-slighe tron gheam thèid criomagan fhaicinn air BBC ALBA bho Cuairt-Deireannach farpais Marine Harvest a chaidh air adhart an t-seachdain a chaidh anns a’Ghearasdan.
Cuideachd bith agallamh le Eddie Tembo, cluicheadair Gleann Urchardan agus bith Gary Innes a’ toirt leasan air Sgilean Camanachd do Cailean Collier.
Mar pàirt den latha thèid fèis spòrs ùr airson clann a tha dol tro Fòghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air adhart le Comann Ceilteach Glaschu. Tòisichidh an fhèis aig 1f feasgar.
‘S e co-bhanntachd a th’ann le Comann na Camanachd airson an fhèis a chur air dòigh le taic bho MG ALBA.
Thèid prògram Disathairne a’ libhrigeadh le Uisdean MacIllinnein, craoladair spòrs agus fear a bha cluich camanachd agus Calum “Caxy” MacAmhlaidh airson BBC ALBA.
‘S e na geamannan camanachd eile a bhios beò air BBC ALBA:
• Cuairt-Deireannach Cupa Comann Ceilteach Glaschu, Old Anniesland, Glaschu
Disathairne 27mh Òg Mhios – a’ tòiseachadh aig 4f
• Cuairt-Deireannach Cupa Baillie Mòr, Raon Cluiche, Eilean Bhòid
Disathairne 18mh Òg Mhios – a’ tòiseachadh aig 4f
• Cuairt-Deireannach Cupa Shutharnalach, Raon Cluiche, Canaich
Disathairne 1mh Lùnasdal – a’ tòiseachadh aig 4f