ROSS COUNTY - AIRDRIE – GÈAM DEIREANNACH A’ CHUPA DHÙBHLAIN
Didòmhnaich 16 Samhain 2008, 3f, BBC ALBA
Thèid gèam deireannach a’ Chupa Dhùbhlain ALBA aig SFL, far am bi sgioba na ciad roinne Airdrie United a’ cluich an aghaidh Ross County, a chraoladh beò air BBC ALBA, an sianal telebhisein ùr Gàidhlig.
Bidh an gèam deireannach a’ tachairt Didòmhnaich 16 an t-Samhain aig an lann-cluiche neo-phàirteach, Pàirc MhicDhiarmaid, Peairt. Tòisichidh e aig 3f agus bidh craoladh a’ phrògraim ri fhaicinn bho 2.45f, a’ gabhail a-steach agallamhan le cluicheadairean is manaidsearan bho gach sgioba.
Tha dàn is fortan Ross County agus Airdrie United air a bhith a’ dol an lùib a chèile anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad. Chaidh an dà sgioba le chèile ìsleachadh agus an uair sin, aig an aon àm ’s bha Ross County air an cur an àird mar Bhuadhairean an-uiridh, ghlèidh Airdrie inbhe na ciad roinne a-rithist.
Bidh an gèam a bhios ga chraoladh beò air BBC ALBA ri fhaotainn air sianal 168 Sky agus air sianal 110 Freesat. Bidh BBC ALBA cuideachd a’ sealltainn dà phrògram susbainteach an ath Dhisathairne 15 an t-Samhain, a’ coimhead air mar a tha gach sgioba ag ullachadh airson a’ ghèam dheireannaich.
‘S i seirbheis compàirteachaidh eadar MG ALBA agus BBC Alba a th’ ann am BBC ALBA. ’S e MG ALBA goistidh tiotalach am-bliadhna don Chupa Dhùbhlain ALBA aig Lìog Ball-coise na h-Alba (SFL).
Thuirt Alan Esslemont, Ceannard Phrògraman BBC ALBA: “Tha Cupa Dùbhlain ALBA air dearbhadh gu bheil an SFL a’ tabhann sàr-ìre de bhall-coise anns am bu chòir luchd-amhairc air feadh Alba tlachd a ghabhail tro chraoladh telebhisein bheò. Tha e na adhbhar toileachais dhomh gu bheil BBC ALBA a’ tabhann na seirbheis seo air a bheil fìor fheum le bhith a’ craoladh aon dhe na gèamaichean iar-dheireannach maille ri gèam deireannach Didòmhnaich beò.
“Tha a’ cho-fharpais am-bliadhna-sa air a bhith air leth beothachail agus bha an-còmhnaidh fìor spiorad na coimhearsnachd co-cheangailte ris. Leis mar a tha Ross County an-dràsta san 6mh àite ann am Prìomh Roinn na h-Alba agus Airdrie United san 8mh, bidh an gèam deireannach gun teagamh sam bith faisg agus spreòdach agus tha mi a’ guidhe sealbh air an dà sgioba.”
Thuirt David Longmuir, Àrd-oifigear Phrìomh Lìog na h-Alba (SFL): “Tha an SFL ro aoibhneach gur e MG ALBA goistidh tiotalach am-bliadhna do Chupa Dhùbhlain ALBA. Tha BBC ALBA air ball-coise beò a thoirt air ais chun an sgrìon telebheisein airson sgioban de roinnean a h-aon, a dhà agus a trì, agus ’s e naidheachd iongantach a tha seo. B’ ann dà bhliadhna dheug air ais on a bha gèam deireannach a’ Chupa Dhùbhlain air a chraoladh beò air telebhisean mar sin ’s e àm brosnachail a th’ ann don a h-uile duine a tha an sàs. Tha mi cinnteach gu bheil a’ cho-bhann eadar SFL agus MG ALBA tairbheach do gach buidheann agus tha mi a’ guidhe a h-uile soirbheas dhaibh leis an t-sianal ùr.”
Thuirt Stuart Golabek, Caiptean Ross County FC: “Mar chluba tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ris a’ ghèam dheireannach Didòmhnaich an aghaidh Airdrie. ’S e buannachd a bharrachd a tha ann gum bi an gèam beò air telebhisean agus chuir seo tòrr ri sùileachadh dhaoine ro làimh. Leis mar a bhios e beò air telebhisean tha seo ga dhèanamh comasach do dh’àireamh fada nas motha de luchd-amhairc air feadh na dùthcha a bhith a’ coimhead air a’ ghèam dheireannach agus tha mi cinnteach gum bi gràisg mhòr a’ cur taic ruinn air an latha aig Pàirc MhicDhiarmaid. ’S e gèam cruaidh is beothachail a bhios ann an Didòmhnaich do chluicheadairean is luchd-leantainn a’ chluba le chèile.”

Ross County: (bho chlì gu deas) – Dìonadair Mark McCulloch agus Cluicheadair Meadhan na Pàirce Richard Brittian
Thuirt Paul Lovering, Caiptean Airdrie United FC: “Tha e a’ toirt mòr-thoileachas dhuinn a bhith ann an gèam deireannach Chupa Dùbhlain ALBA. Tha sinn air Ross County a chluich dà thuras an seasan-sa agus tha cùisean co-ionnan eadarainn gu ruige seo – a tha ga dhèanamh fada nas beothachail. Tha an cothrom a bhith air telebhisean beò air beagan de ghleans a chur ris a’ ghèam. Tha e ceart a ràdh aig an ìre-sa gu bheil cluicheadairean air gach taobh nach do dh’fhiosraich sìon coltach ris. Cha bhi cuid de chluicheadairean a’ ruigsinn gèam deireannach agus seo sinn gu bhith ann am fear a bhios air fhaicinn air feadh Alba.

Airdrie : (bho chlì gu deas) – Kenny Black, Manaidsear, Paul Lovering, Caiptean Airdrie United FC agus Jimmy Boyle
Tha an t-ullachadh air a bhith mìorbhaileach le filmeadh ro-ghèam le BBC ALBA agus agallamhan leis na meadhanan. Mar chluba tha sinn airson tlachd a ghabhail às gach mionaid dheth. Cò aige a tha brath dè thachras Didòmhnaich ach, gu deimhinn, tha sinn a’ dèanamh fiughair ris. Siuthadaibh!”
Bidh an craoladh beò a’ cur ri sàr phasgan spòrs BBC ALBA a thathas a’ tabhann ann an co-bhoinn ri MNE Media gus aon ghèam à Prìomh Lìog Bhanca Clydesdale a chraoladh gach oidhche Shathairne air BBC ALBA thar an ath dhà sheasan.