TRUSADH : CLAN MACQUARRIE
Diluain 18 Ceitean, 9f, BBC ALBA
Bidh oidhche 31mh Gearran 1953 gu bràth ann an cuimhne dhaoine ann am baile beag Bhuirgh air taobh-siar Eilean Leòdhais
Bha stoirm mhòr eagalach ann air an oidhche, stoirm a rinn milleadh mòr air feadh Bhreatainn agus an Roinn Eòrpa. Ann an Leòdhas bha sgioba a ' bhàta “Clan MacQuarrie” ann an cunnart nuair a chaidh i air na creagan faisg air Borgh.

Cliff Kerr, Douglas Buchan, Bernard Bowen agus Màiri Jessie Emmett aig an làrach far an deach am bàta MV Clan MacQuarrie air na creagan
Anns an t-sreath aithriseachd “Trusadh”, a chaidh a dhèanamh le Mactv airson BBC ALBA, bidh triùir den fheadhainn a fhuair aiste beò sàbhailte Cliff Kerr, Douglas Buchan agus Bernard Bowen a ' bruidhinn air na thachair.
Air an oidhche, thug muinntir Bhuirgh taic mhòr do mhaor-chladaich Stèornabhaigh airson an sgioba fhaighinn bhon bhàta. Ged a bha fìor droch-thìde ann cha deach duine a ghoirteachadh.
Mar chomharra air an sin thug an companaidh Clan Line leis an robh an t-soitheach taic airgid dhan choimhearsnachd airson talla a thogail. Bha an talla sin aig crìdhe na coimhearsnachd airson leth-cheud bliadhna.
Chaidh Talla Clan MacQuarrie fhosgladh as ùr a ir a mhìos a chaidh as deidh dhan choimhearsnachd deich bliadhna a chuir seachad a' cruinneachadh airgead.

Tàlla Clan MacQuarrie
Bha Mairi Jessie Emmett, à Borgh a phòs fear de oifigearan Clan MacQuarrie an làthair nuar a chaidh an talla ùr fhosgladh an cuide ri Cliff, Bernard agus Douglas agus iad a' cuimhneachadh air oidhche an stoirm.
Thèid Trusadh: Clan MacQuarrie fhaicinn air BBC ALBA air Diluain 18mh Ceitean aig 21.00. Gheibhear BBC ALBA air Sky sianal 168 agus air Freesat sianal 110