FOR FIRST TIME EVER CELTIC AND RANGERS COME TOGETHER FOR NEW BBC ALBA ‘CLUB TV’ PROGRAMME
Bidh ‘CLUB TV’ air BBC ALBA a’ toirt Celtic FC agus Rangers FC còmhla airson a’ chiad turas riamh, ann am prògram sònraichte ball-coise.
Gach mìos, a’ tòiseachadh Diciadain 25 Samhain aig 10.30f, bidh Tom Boyd à Celtic agus Arthur Numan à Rangers air a’ phrògram còmhla ri neach-naidheachd spòrs Calum MacAmhlaigh.
Am measg nan aoighean bidh stiùirichean an dà sgioba, Tony Mowbray agus Walter Mac a’ Ghobhain, agus bidh agallamhan ann le cluicheadairean bho na prìomh sgiobaidhean agus cuideachd bho na sgiobaidhean òigridh agus sgiobaidhean nam ban.

Arthur Numan bho Rangers agus Tom Boyd bho Celtic.
Chaidh an naidheachd seo a sgaoileadh sa Bheurla. Leugh an naidheachd sa Bheurla an seo
Thèid a chiad phrògram a chraoladh Diciadain an 25mh Samhain aig 10.30f agus ath-chraoladh Diardaoin an 26mh aig 11.30f agus a-rithist Disathairne aig 6f.