MILLER AGUS FORTUNÈ A’ NOCHDADH AIR CLUB TV
CLUB TV, BBC ALBA Diciadain 24 Màrt, 9f
Tha am prògram miosail CLUB TV, air BBC ALBA gu bhith a’ còmhradh le cluicheadairean Kenny Miller aig Rangers agus Marc-Antoine Fortunè aig Celtic am mìos sa. Thèid am prògram a mach air Diciadain 24mh Màrt aig 9f le agallamhan cuideachd le Ally McCoist agus Tony Mowbray agus siùil air an geam eadar sgiobaidhean òigridh aig Rangers agus Celtic bho aois naoi bliadhna deug.
Thèid CLUB TV a’ libhrigeadh le seann cluicheadairean Tom Boyd (Celtic) agus Arthur Numan (Rangers) le Calum “Caxy” MacAmhlaidh anns a chathair.
Tha Kirk Broadfoot a’ toirt thugainn siùil air cùl dorsan Rangers agus bith Josh Thomson bho Celtic a’ bruidhinn air mar a tha dol dha chun an ìre seo ann an ball-coise. Cuideachd anns a’ phrògram thèid aithris fhaicinn air ball-cois na mnathan Celtic agus Rangers.
Tha CLUB TV air a’ riochdachadh le mneTV airson BBC ALBA. Chìthear am prògram air BBC ALBA air Diciadain 24mh Màrt aig 9f le ath-chraoladh air Diardaoin 25mh Màrt aig 10.30f.