ANN AN CÒI5
Diardaoin 30 An t-Iuchar aig 6.50 air BBC ALBA
Bidh an ath prògram ann an sreath ùr de phrògraman còig-mionaidean, a bhios air an lìbhrigeadh le òigridh eadar 10 is 13 bliadhna a dh’aois, a leantainn Corrin Miller, 13, à Inbhir Nis 's i a' cur an cèill an ùidh a th' aice ann an ruith.
Corrin Miller
Tha an t-sreath air a riochdachadh leis a’ chompanaidh neo-eisimeileach ‘Sealladh’, a chaidh a stèidheachadh ann an 2008 le na riochdairean Mòrag Stiùbhart agus Chris Young.
Le taic bhon sgioba aig Sealladh, ghabh an òigridh pàirt ann an sgrìobhadh is aithris nam prògraman, agus rinn iad uile agallamh air an son.
Tha ‘Ann an Còi5’ a’ toirt cothrom dhan òigridh innse mu chur-seachad, àite no neach a tha prìseil nam beatha. Bidh Corrin Miller à Acadmaigh Rioghail Inbhir Nis a' libhrigeadh an ath phrògram san t-sreath, a thèid a chraoladh air BBC ALBA air an 30 den Iuchar.
Thòisich Corrin air ruith gu farpaiseach nuair a bha i deich bliadhna dh'aois. Cha robh fada gus an deach iarraidh orra ruith le na Inverness Harriers, an club spòrs as motha ann an taobh a' tuath na h-Alba. Tha Corrin fhathast a ruith còmhla ri na Harriers, far a bheil i a' cur roimhpe adhartas a dhèanamh ann an rèisean 800m.
Tron phrògram chithear mar a bhios Corrin a' trèanadh agus an dìcheall a tha riatanach airson adhartas a dhèanamh anns a leithid de chur seachad.
Bidh Corrin a' bruidhinn ris a chluicheadar-iomainn, Somhairle Dòmhnallach, a bhios ag innse dìreach dè cho cudromach 's a tha e dha leithid fhèin 's Corrin a bhith a trèanadh agus mar a dh'fheumas iad a bhith gan ullachadh fhèin airson a bhith a gabhail an sàs ann an spòrs sam bith.
Tha an t-sreath ùr seo a' toirt cothroman do thàlant òg, air beulaibh agus air cùl a' chamara, an stuth aca fhèin a chruthachadh airson an t-sianal Gàidhlig. Chaidh na sgeulachdan an toirt gu buil le sgioba-riochdachaidh anns an robh dithis òga a bha a’ faighinn trèanadh ann an diofar sgilean riochdachaidh.
Thèid ‘Ann an Còi5’ a’ chraoladh air BBC ALBA air Dimàirt 30 den Iuchar aig 6.50. Tha e ri fhaotainn air sianal 168 Sky agus air Freesat sianal 110.