CROIT – BLIADHNA ANN AM BEATHA CROITEARAN ALBANNACH
Diciadain 8mh Iuchar aig 8.30f air BBC ALBA
Anns an sreath phrògraman “Croit” air BBC ALBA, tha dòigh-beatha coig croitearan Albannach bhon phrosbaig. Tha na prògraman a’ coimhead air iomadh cuspair co-cheangailte le bhith ruigh croitean air Taobh Siar Gàidhealtachd na h-Alba.
Chaidh “Croit” a’ riochdachadh le MacTV airson BBC ALBA agus chìthear cuid den obair a dh’fheumas na croitearan a dhèanamh thairis air a bhliadhna.
Anns an ath phrògram air Diciadain 8mh Iuchar, chì sinn Anna Friseal, a bhuineas do Calanais air Taobh Siar Lèodhais, an croitear as ige anns an t-sreath ag obair le beathaichean agus i cuideachd a’ feuchainn ris an talamh a dhèanamh na ‘s fhearr.
Tha Domhnall Thormaid MacDhomhnaill cuideachd anns an dàrna phrògram ‘s e ag obair air an tuathanas aige ann an Clachan, Uibhist a Tuath. Anns a’ phrògram tha Domhnall ag innis mu dheidhinn cuid de na duilgheadasan aige le na gèadh fhiadhaich agus an innleach ùr a th’ aige airson faighinn seachad air.
Tha Domhnall agus Calina Dòmhnallach air an Eilean Sgiathanach cuideachd ri fhaicinn ‘s iad ag obair le crodh agus caoraich a’ bharrachd air siostam croitearachd air leth. Tha iad gu mòr a sàs ann an a bhith fàs measgachadh de glasraich agus lusan.

Domhnall agus Calina Dòmhnallach
Ann A’ Chomraich tha Derek agus Cathy Mac Illinnnein ann an Toscaig a sàs gu mòr anns a’ choimhearsnachd a gus cuideachd ag obair ann an co-bhanntachd le Coimisean nan Coilltean air pròiseact ath-nuadhachadh.
Se prògram togail a tha ann an “Croit” a’ toirt thugainn blas air an obair cruaidh a tha ann an croitearachd agus cuideachd an toileachas a tha daoine faighinn a mach as an obair.
Thèid Croit fhaicinn air BBC ALBA air Diciadain 8mh Iuchar aig 20.30f. Gheibhear BBC ALBA air Sky sianal 168 agus air Freesat sianal 110.