25 Faoilleach 2010
CUIBHLICHEAN AN FHORTAIN AIR AIS
CUIBHLICHEAN AN FHORTAIN – SREATH 2
BBC ALBA, 5mh Gearran aig 9f
Tha Cuibhlichean an Fhortain a’ tilleadh gu BBC ALBA airson an dàrna sreath le Gilleasbuig MacFheargais a ’lìbhrigeadh an t-sreath.

Anns an sreath ùr chìthear da sgioba gach seachdain a farpais ri chèile ag obair air seann carbadean leis an amas prothaid a dhèanamh aig rop.
‘ Se Iain MacAoidh agus Tormod MacLeòid, an dithis aca bhon Rubha air Eilean Leòdhais a bhios os cionn na sgiobaidhean.
Cuideachd anns an t-sreath, chìthear Iain MacNeìll a feuchainn seann càraichean mar Fiat 500 agus an Citroen DS.
Anns a chiad phrògram bith Dòmhnall Mac an t-Saor agus a bhean Chairistìona a Ceann Loch Gilp a’ gabhail pàirt – ach an aghaidh a chèile. Am bith iad beò as dèidh dà làtha còmhla ri Gilleasbuig, Iain agus Tormod?

Chaidh Cuibhlichean an Fhortain a’ riochdachadh le Bees Nees airson BBC ALBA. Chìthear Cuibhlichean an Fhortain air Dihaoine bho 5mh Gearran aig 9f airson còig seachdain.