HARDEEP CUIDE RI CATHY
Diluain 6 Giblean, 22.00, BBC ALBA
Thèid an sgrìobhadair agus craoladair Hardeep Singh Kohli air ais gu Taobh an Iar Glaschu mar pàirt den ath phrògram ann an sreath Cuide ri Cathy a bhios air BBC ALBA air Diluain 6mh Giblean aig 22.00f.
Cathy agus Hardeep
Ged is ann an Sasuinn a’ rugadh Hardeep Singh Kohli, tha ceangal làidir aige le Glaschu far an deach e don Oilthigh Glaschu. Tha ùidh mhòr aig Hardeep ann an còcaireachd agus ràinig e cuairt-deireannach de farpais Celebrity Master Chef. Anns a’ phrògram Cuide ri Cathy bith Hardeep cuideachd a’ toirt blasad do Cathy air ni sgilean còcaireachd aige.
Cathy agus Hardeep air Ashton Lane
Tha Hardeep agus a bhean dealaichte agus tha dithis clann aca. Thachair an dealachadh nuair a bha Hardeep air turas do na h-Innseachan airson rannsachadh leabhar mu dheidhinn biadh. Choinnich iad ri chèile nuair a bha iad seachd bliadhna deug agus anns a phrògram tha e ag innis mu dheidhinn de cho cudthromach a bha a ‘bhean aige anns an obair aige.