DOLLY PARTON AIR BBC ALBA
Ma tha thu a' leantainn ceòl dùthchail feuch gun coimhead thu a-mach airson program sònraichte le Dolly Parton air BBC ALBA air Disathairne 29 Cèitean aig 21.00.
Chaidh 'Dolly Parton Live at the O2', a' chlàradh ann an Lunnainn, agus chìthear Dolly a seinn cuid de na h-òrain as ainmeil aice cuide ri agallamhan mu dheidhinn a beatha.
Thairis air na bliadhnaichean tha Dolly Parton air iomadh duais agus urram de gach seòrsa a' bhuannachadh dhi fhèin agus tha i air a bhith mar ball den Country Music Hall of Fame bho 1999.
Thuirt Alan Esslemont, Ceann Phrògraman BBC ALBA "Tha sinn air leth toilichte am prògram seo le Dolly Parton a' thoirt do luchd-amharc BBC ALBA. Tha na prògraman ciùil againn a' còrdadh ri daoine agus tha mi cinnteach gu bheil Dolly gu bhith tarraingeachd don mhòran cuideachd."
Chìthear 'Dolly Parton Live at the O2' air BBC ALBA air Disathairne 29 Cèitean aig 9f.