Donny B – The Original King Of Daytime
Dihaoine 31mh Dùbhlachd aig 9.00f air BBC ALBA
Sùil air ais air sgeulachd-beatha iongantach a' chraoladair, Donaidh B MacLeòid.
Tha am prògram aithriseach, Donny B, ag innse sgeulachd-beatha iongantach an sgrìobhadair agus a' chraoladair Donaidh B MacLeòid - sgeulachd a thug e bho bhaile beag anns na h-Eileanan an Iar gu dachaighean dhaoine ainmeil, beairteach ann an Hollywood.

Tha e a' toirt sùil air an tasglann bheairteach a dh'fhàg e, gach cuid ann am film agus sgrìobhadh, agus cuideachd a' coimhead ris a' bheatha iongantach a bh' aige mus robh e na chraoladair - am measg eile, iomairt ainmeil, tharraingeach, ann an taghadh coitcheann.
Tha e a' coimhead ri obair-beatha air a stèidheachadh air eòlas farsaing a thàinig bho a mheas mhòr air leughadh, ach cuideachd ri linn a' phearsa fhèin - duine bàigheil, dùrachdach. Tha am film seo a' toirt sùil air an tasglann bheairteach de phrògraman, filmichean agus sgrìobhaidhean Dhonaidh. Tha e cuideachd a' coimhead ris a' bheatha iongantach a bh' aige mus do thòisich e na chraoladair - am measg eile, ùine na thidsear-sgoile agus iomairt ainmeil, tharraingeach ann an taghadh coitcheann.
Air aithris le Patsi NicCoinnich agus a' sealltainn agallamhan le teaghlach, co-obraichean agus caraidean ainmeil - nam measg, an neach-ciùil Aly Bain agus an neach-naidheachd Aonghas MacLeòid bhon Times.
'S e sgeulachd mu fhear air leth comasach, aoigheil a th' ann an Donny B. Fear a thug buaidh air daoine àbhaisteach agus daoine ainmeil san aon dhòigh, agus a nochd an aon urram dhan h-uile duine ris an do choinnich e.