“EADAR-CHLUICH”
Tha an cleasaiche Albannach Iain Glen, a chunnacas ann an riochd Otto Frank air leansgeul a' BhBC “The Diary of Anne Frank” aig toiseach 2009, an luib sgioba actairean air leth cliùiteach a bhitheas a' nochdadh ann an sia filmichean goirid Gàidhlig a chìthear a dh'aithghearr air BBC ALBA.
Stèidhichte air òrain à dualchas beairteach nan Gaidheal, tha gach dràma gu tur gun chòmhradh. Cha chluinnear an sgeulachd ach bho bhriathran nan òran fhèin agus tha feum ga dheanamh de chlàran a rinneadh thar iomadh bliadhna le seinneadairean aithnichte mar Seonag NicCoinnich, Hoddan Dòmhnallach, Fionnlagh MacNèill, Mairead Stiùbhart agus Màiri Nic a' Ghobhainn.
Chruthaicheadh an t-sreath bho'n bheachd-smuain aig Patsi NicChoinnich agus chaidh a riochdachadh ann an Glaschu le Sorbier Productions. Thuirt NicChoinnich, "tha na sgeulachdan dha-rìribh cumhachdach agus tha iad againn mar thà anns na h-òrain iongantach sa. Ged a tha cuid de na h-òrain a' buntainn do linn eile, tha na cuspairean pailt cho iomchaidh san t-saoghal anns am bheil sinn fhein beò. Chuir sinn romhainn, marsin, gum bitheadh dreach co-aimsireil air na filmichean beaga, tarraingeach a tha seo. Tha e na thlachd mhòr dhòmhsa gun deach againn air sgioba cho fìor chomasach a thoirt chun na pròiseacht agus tha sin fhèin a' toirt seasamh as ùr do dhràma Ghàidhlig air telebhisean."
Chaidh gach òran san t-sreath a thoirt do stiùiriche fa leth, agus bha saorsa aca sin uile sgeulachd an òrain a' mhìneachadh ann an dòigh a bha iad fhèin a' faicinn iomchaidh.

Martin Compston
A' tighinn am follais thairis air na sia filmichean bithidh cleasaichean a th'aig an ìre as àirde nan dreuchd. A' bharrachd air Iain Glen fhèin, chìthear Martin Compston (“Sweet Sixteen”), Kate Dickie (“Red Road”) agus Greg McHugh (“Gary’s War”r).
Eadar-Chluich’ – na filmaichean:
‘Bha Mi Raoir san Taigh–Òsta’
Air a sheinn le: Màiri Nic a’ Ghobhainn
Le: Martin Compston agus Therèse Bradley
Stiùiriche: Eleanor Yule
Craoladh air BBC ALBA, Diciadain 13mh Cèitean aig 9.55f
‘A Nighean Nan Geug’
Air a sheinn le: Seonag NicCoinnich
Le: Kate Dickie agus Alison Peebles
Stiùiriche: John MacLaverty
Craoladh air BBC ALBA, Diciadain 20mh Cèitean aig 10.55f
‘Fhuair Mi Pòg O Làimh A Rìgh’
Air a sheinn le: Mairead Stiùbhart
Pìobaireachd: Ailean Dòmhnallach
Le: Gilly Gilchrist agus Jenny Hulse
Stiùiriche: Shiona McCubbin
Craoladh air BBC ALBA, Diciadain 27mh Cèitean aig 9.55f
‘Far An Robh Mi’n Raoir’
Air a sheinn le: Iain R. Douglas
Le: Siri Rodnes agus Ross Kilgour
Stiùiriche: John MacLaverty
Craoladh air : BBC ALBA, Diciadain 3mh Óg Mhios aig 9.55f
‘Dh’Èirich Na Deòir’
Air a sheinn le: Fionnlagh MacNèill
Le: Iain Glen agus Lesley Christie
Stiùiriche: Aisling Walsh
Craoladh air BBC ALBA, Diciadain 10mh Óg Mhios aig 9.55f
‘Bàs An Eich’
Air a sheinn le: Hoddan
Le: Greg McHugh
Stiùiriche: Marcus Harben
Craoladh air BBC ALBA, Diciadain 17mh Óg Mhios aig 9.55f

Aisling Walsh agus Iain Glen