AN TAGHAIDH 2010 AIR BBC ALBA
DEASBAD AN TAGHAIDH 2010
Bith BBC ALBA a’ toirt thugainn Deasbad an Taghaidh 2010 bho Pacific Quay ann an Glaschu far am bith riochdairean bho na prìomh partaidhean politigeach a’ gabhail pàirt.
Na measg a bhios an làthair bith Dòmhnall Iain MacSuain (Làbarach), Aonghas Brendan MacNèill (SNP) agus Bill Innes airson Na Tòraidhean. ‘Se Iain Mac Ill Eathainn bho Sgioba-naidheachd BBC ALBA a’ bhios a’lìbhrigidh a program far am bith luchd-amharc a’cur nan ceistean air na riochdairean.
Thèid am program uair a’ thìde a’ chraoladh anns a’ Ghàidhlig le fo-thiotalan Beurla air Dimàirt 4 Cèitean aig 9f le ath-chraoladh air BBC Rèidio nan Gàidheal air Diciadain 5 Cèitean aig 9f.
AN TAGHAIDH 2010 : NA TORAIDHEAN
Air Dihaoine 7 Cèitean, thèid program Toraidhean an Taghaidh 2010 fhaicinn air BBC ALBA beò bho Pacific Quay ann an Glaschu. ‘Se program trì uair a thìde a bhios ann far am bith BBC ALBA a’ coimhead air ais air an taghaidh agus na tha e a’ ciallachadh do coimhearsnachdan na h-Alba.
Bith sgioba na naidheachdan a’ toirt thugainn aithisgean bho Stèornabhagh, Inbhir Nis, Obair Dheathain, Glaschu, Dùn Èideann agus Na Crìochan.
Tha na thachras ann an Sasainn gu bhith gu math cudromach agus thèid beachdachadh anns a phogram air na thachair le luchd-naidheachd agus luchd-labhairt ann an Lunnainn far am bith niad a’ coimhead air an Rìoghachd Aonaichte anns an fharsaingeachd.
Thèid am program, a bhios air a’ lìbhrigidh le Iain Mac Ill Eathainn agus Angela Nic Ill Eathainn, fhaicinn aig 5.30f air Dihaoine 7 Cèitean.