DEASBAD AN TAGHAIDH AGUS PRÒGRAM TORAIDHEAN AN TAGHAIDH AIR BBC ALBA
DEASBAD AN TAGHAIDH
Diciadain 27 Giblean aig 9f air BBC ALBA
Bidh Deasbad An Taghaidh aig BBC ALBA air a chlàradh sa BhBC an Glaschu, far am bi riochdairean bho na prìomh ceithir pàrtaidhean politigeach a’ cur an cuid phoileasaidhean mu choinneamh luchd-èisteachd a bhios an làthair san stiùideo. Bho stiùir neach-naidheachd a’ BhBC, Iain MacIlleathain, gheibh na tha an làthair san luchd-èisteachd cothrom an ceistean fhèin a chuir ris a’ phannal.
A-measg na bhios air a’ phannal, bidh:
Thèid am prògram a chraoladh aig 9f air Diciadain 27 Giblean agus air Rèidio nan Gaidheal aig 9m air 28 Giblean.
AN TAGHADH 2011
Dihaoine 6 Cèitean aig 5.30f air BBC ALBA
Bheir BBC ALBA thugaibh prògram sònraichte le toraidhean Thaghadh na h-Alba, beò à prìomh-oifis a’ BhBC ann an Glaschu. ‘S iad Iain MacIlleathain agus Angela Nic Ill Eathain, a tha nan luchd-naidheachd air prògram naidheachd làitheil BBC ALBA, ‘An Là’ agus air ‘Aithris na Maidne’ air Rèidio nan Gaidheal a bhios gar stiùireadh tron phrògram shònraichte seo. Tha iad le chèile air a bhith ag obair airson seirbheis naidheachdan Ghàidhlig airson còrr is 10 bliadhna, agus mion eòlach air gnothaichean politigeach ionadail agus nàiseanta.
Bheir ‘An Taghadh 2011’ thugaibh na prìomh sgeulachdan a-mach à toraidhean an taghaidh, le mìneachadh air na bhios e a’ ciallachadh airson coimhearsnachdan air feadh Alba agus gu h- àraid sgìrean is coimhearsnachdan Ghàidhlig.
A’ mìneachadh chùisean bidh luchd naidheachd poilitigeach a’ BhBC, Niall O Gallagher agus Mìcheal MacNèill cuide ri Anna NicLeòid a bhios ann an Lunnainn. Bithear cuideachd a’ faighinn barail bho riochdairean nam pàrtaidhean poilitigeach fhèin agus bhuapa san a thug seachad bhòt.
Bheir am prògram sùil air suidheachadh poilitigeach na rìoghachd san fharsaingeachd, air a’ chunntas-bheachd air siostam bhòtaidh AV; air na Taghaidhean Comhairle ann an Sasainn; agus air toraidhean nan taghaidhean às a’ Chuimrigh agus Èirinn a Tuath.
Thèid `An Taghadh 2011’ a chraoladh eadar 5.30- 8.30f air 6mh Cèitean.