ANN AN CÒI5
Diardaoin 16 An Iuchar aig 6.55 air BBC ALBA
Bidh an ceathramh prògram ann an sreath ùr de phrògraman còig-mionaidean, a bhios air an lìbhrigeadh le òigridh eadar 10 is 13 bliadhna a dh’aois a' leantainn Elspeth Hayes a bhios a' sealltainn mar a tha eich nam pàirt mhòr de beatha. Chithear Elspeth, 12, a cuir seachad ùine air tuathanas a seanmhair ann an Lòn Mòr fàis air an Dornoch.
Tha an t-sreath air a riochdachadh leis a’ chompanaidh neo-eisimeileach ‘Sealladh’, a chaidh a stèidheachadh ann an 2008 le na riochdairean Mòrag Stiùbhart agus Chris Young.
Le taic bhon sgioba aig Sealladh, ghabh an òigridh pàirt ann an sgrìobhadh is aithris nam prògraman, agus rinn iad uile agallamh air an son.
Tha ‘Ann an Còi5’ a’ toirt cothrom dhan òigridh innse mu chur-seachad, àite no neach a tha prìseil nam beatha. 'S e Elspeth Hayes a tha na sgoilear aig Acadamaigh Rioghail Baile Dhubhthaich a bhios a' libhrigeadh an ath phrògram san sreath, a thig a shealltainn air Diardaoin 16mh den Iuchar air BBC ALBA.
Tha an ùidh a th' aig Elspeth ann an eich mar thoradh den ùine a tha i a' cur seachad air tuathanas a Seanmhair, Pat, far a bheil iad a' cumail 19 each 's far am bi Elspeth a' cuideachadh le bhith cumail suas ris an obair mhòr a bhios ri dhèanamh gu làitheil.
Dh'ionnsaich Elspeth marcachd aig aois glè òg 's tha i a-nis air leth misneachail 's sgileil. O chionn ghoirid cheannaich Elspeth each òg air a bheil Rio 's a tha feumach air an t-uabhas trèanadh, obair a tha Elspeth air a ghabhail os làimh le cuideachadh o seanmhair agus a màthair, Lesley. Bidh Elspeth cuideachd a' gabhail pàirt ann am farpaisean Pony Club agus am bliadhna tha i a' dol a' Pheairt airson farpaisean sgìreil.
A bharrachd air a bhith a' faicinn Elspeth a gabhail ri obair mun stàball 's a bhith a' trèanadh Rio chithear cuideachd mar a bhios i a' gabhail beagan fois le bhith dol a mharcachd sa choille air cùl taigh a seanmhair 's mun tràigh fhada, farsaing a tha faisg orra.
Anns a' phrògram bidh Elspeth a bruidhinn ri a màthair, Lesley, a tha cuideachd ag obair mu na h-eich agus a dh'ionnsaich marcachd ann an dòigh caran mi-àbhaisteach.
Tha an t-sreath ùr seo a' toirt cothroman do thàlant òg, air beulaibh agus air cùl a' chamara, an stuth aca fhèin a chruthachadh airson an t-sianal Gàidhlig. Chaidh na sgeulachdan an toirt gu buil le sgioba-riochdachaidh anns an robh dithis òga a bha a’ faighinn trèanadh ann an diofar sgilean riochdachaidh.
Thèid ‘Ann an Còi5’ a’ chraoladh air BBC ALBA air Diardaoin 16mh den Iuchar aig 6.55. Tha e ri fhaotainn air sianal 168 Sky agus air Freesat sianal 110.